Blàr na h-Eaglaise Brice (1746)
- Airson a’ chiad bhlàir, faic Blàr na h-Eaglaise Brice (1298)
Chuireadh an dàrna Blàr na h-Eaglaise Brice (Beurla: Battle of Falkirk Muir) air an 17mh dhen Fhaoilleachd 1746, air Monadh na h-Eaglaise Brice mu trì mìle an iar-dheas air a' bhaile. B' e seo an dàrna blàr an Ar-a-mach nan Seumasach, 1745-1746.
Bha am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart an làthair, agus an t-arm aige fo chommand a' Mhorair Sheòrais Mhoireach. 'S e an Seanalair Hawley a bha os cionn arm an riaghaltais, ris an canar arm Rìgh Deòrsa no "an t-arm dearg".
Na lean chun a' bhlàir
deasaichBho nach deach leotha air an triall a-staigh do Shasainn, dh'fheuch na Seumasaich ri Caisteal Sruighlea a ghlacadh. Dhaingneachadh seo an smachd a bh'aca air Alba air fad. Ach is math a bha fhios aca gun tigeadh feachd riaghaltais air an tòir rathad Dhùn Èideann, agus shuidhich iad iad fhèin - a chuid a bu mhotha dhiubh - sa choille mhòr an ear air Sruighlea, a' feitheamh. San anmoch air an 16mh Faoilleachd, thàinig fios thuca gun do rinn feachd Hawley campa faisg air an Eaglais Bhreac. Làirne-màireach, ghabh na Seumasaich comhairle-cogaidh agus chuir iad romhpa dhol na choinneamh.
Am blàr
deasaichChaidh am blàr a chur ann am fìor dhroch shìde air ciaradh an fheasgair, ach bha Moireach às dèidh an arm Seumasach a shuidheachadh gus am biodh a' ghaoth an-iar leotha. Bha Hawley gu math àrdanach na dhòigh agus cha chreideadh e gun rinneadh na Seumasaich ionnsaigh air marc-shluagh, mar sin cha robh a shaighdearan uile deiseil agus ann an òrdugh-batail; cha do ràinig a ghunnaichean mòra a-riamh. An toiseach a' bhlàir, sheas làimh dheas arm a' Phrionnsa - Clann Dòmhnaill - ri ionnsaigh a thugadh le marc-shluagh arm an riaghaltais. Nuair a thèich na dragoons, chaidh a' chiad sreath dhen arm Seumasach air fad air adhart san dol-sìos agus chaidh a chuid a bu mhotha de dh'fheachd Hawley a ruagadh, ged nach do ghèill corra reisimeidean air a làimh cheart. Cha b'fhada gus an robh na Seumasaich air buaidh eile a thoirt air feachdan an riaghaltais, ged a 's e buaidh gu math mu-làimh a bh'ann an turas-sa.
A bhuil
deasaichGed a thug, bha Caisteal Sruighlea fhathast gun a ghlacadh, agus bha aig na Seumasaich ri leantainn orra a' màrsail gu tuath às a dhèidh.
Am measg na bha an sàs air taobh Rìgh Dheòrsa bha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, am bàrd, is e na fhear de Mhailisi Earra-Ghàidheal.
Ann an "Òran do Bhlàr na h-Eaglaise Brice", rinn e iomradh air na chunnaic e:
"Chruinnich uaislean Earraghàidheil, Armailt làidir de Mhailisi, 'S chaidh iad mu choinneamh phrionns' Teàrlach, 'S dùil aca r'a chàmp a bhristeadh; 'S ioma fear a bha san àit' ud Nach robh sàbhailt mar bha mise, A' mheud sa dh'fhàg sinn anns an àraich, Latha Blàr na h-Eaglaise Brice".
Tuilleadh Leughaidh - Gàidhlig
deasaichMacCoinnich, Iain, Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich, Thornton agus Collie (Dùn Èideann, 1845 - agus iomadach tionndadh às a dhèidh)
Tuilleadh Leughaidh - Beurla
deasaichTomasson, Katherine & Buist, Francis, "Battles of the '45", Pan Books (1967)