Gaoda Bheinn
'S e Gaoda Bheinn [1] neo Gaoithe Bheinn (Beurla: Goat Fell) a' bheinn as motha air eilean Arainn. Tha i 874 metair air àirde (2,867 troigh). Tha e aig an National Trust for Scotland a-nis.
Chan eilear cinnteach mun ainm Gàidhlig ceart. Tha cuid ag ràdh gu bheil e a’ tighinn às an ainm Gaodabheinn (Beinn Gobhar neo Goat Mountain) a thàinig bhon seann fhacal Lochlannais Geita–Fjall. Neo is dòcha gun tàinig e bhon fhacal Gàidhlig gaoth, a’ ciallachadh Beinn Gaoitheach. Mar sin tha ainm eile air: Gaoithe Bheinn.[2]