Calum Dòmhnallach (neach-poileataigs)
'S e neach poileataigs ann am Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a tha ann an Calum Alasdair Dòmhnallach.
Rugadh e 7 an Cèitean 1956 ann an Steòrnabhagh) agus thogadh e ann am Pabail. Bha e na oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann agus sgrìobh e an tràchdas aige aig Oilthigh Chalafòrnia, Los Angeles.
Chaidh e na Bhall Pàrlamaid airson na h-Eileanan an Iar ann an 1987. Bha e cuideachd na Fho-rùnaire Pàrlamaideach airson Riaghaltas Ionadail agus Còmhdhail san Oifis na h-Alba o 1997 gu 1999.[1] Bha a' Ghàidhlig fo a chùram mar mhinistear agus rinn e an Òraid an t-Sabhail ann an 1998.[2]
Chaill e an seat aige ann an 2005.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Mr Calum MacDonald, former MP, Na h-Eileanan an Iar”. They Work for You. Air a thogail 7mh dhen Chèitean 2018.
- ↑ “Òraid an t-Sabhail”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2018.