Caldas
Caldas
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá) | ||||
Àirde | 1750m | ||||
Co-chomharran | 6° 06' Tuath 75° 38' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 133.40 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 67,372 (2005) | ||||
Dlùths | 505.04/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile |
'S e baile-mòr a tha ann an Caldas. Tha e ann an Coloimbia faisg air Medellín. Tha Caldas na phàirt dhen Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín. 'S e Caldas an 77mh baile as motha na dùthcha.[1] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1840.
Tha roinn leis an aon ainm mu dheas Antioquia, air a bheil Caldas cuideachd.
Freumhan an Ainm
deasaichMar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, fhuair an sgìre sin an t-ainm San Lorenzo ann an 1616, bhon fhacal Laideann Sanctus[2] (Coisrisgte/Naomh). Chaidh an t-ainm aige a dh'atharrachadh gu Caldas anns an 19mh linn, an sloinneadh aig a' churaidh Francisco José de Caldas (1768 - 1816),[3] a bha an sàs anns a' chogadh an aghaidh na Spàinne.[4]
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 67,999 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 15,303 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Caldas, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.2% dhe na daoine ann an Caldas leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 87.4% dhe na dachannan.[7]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Caldas. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.