Boden
Boden
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Norrbotten | ||||
Sgìre | Norrbottens län | ||||
Co-chomharran | 65° 50’ Tuath 21° 41′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 19.97 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 18,680 (2005) | ||||
Dlùths | 935.4/km² | ||||
Àireamh fòn | 921 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.boden.se |
'S e baile faisg air Luleå ann an ceann a tuath na Suaine a th' ann am Boden (IPA: 'bu:dən, Fionnais: Putti, Sàmais: Suttes). Tha e suidhichte faisg air daingneach ris an canar Rodbergsfort, ri taobh na h-Aibhne Lule, anns an sgìre Norrbotten, anns an roinn Norrbottens Län,[1] 746km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 1,189km bho Helsingborg, agus 1,035km bho Ghöteborg.[2] Tha 18,680 duine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] ’S e gearasdan cudromach do dh’ Arm na Suaine agus prìomh-bhaile na sgìre Bhoden a th’ anns a’ bhaile.
Freumhan an Ainm
deasaichGed nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à buthm (Gàidhlig: earbar), a tha an t-ainm.[4] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à bod (both) a tha e.[5]
Eachdraidh
deasaichChaidh Boden a chlàradh mar Bodebyn ann an sgrìobhainn - a thaobh chìsean - airson a' chiad turais ann an 1539. B' e dìreach baile beag a bh' ann fad linntean. Thogadh an eaglais ann an 1827. Dh' fheuchadh ri canal a thogail ach dh' fhàillig an oidhirp. Thoisich e ri fhàs an dèidh 1894, nuair a ràinig an Rathad-iarainn airson nam mèinnichean iarainn fhrithealadh.[6] B' e gearasdan cudromach an Airm fad an 20mh Linn leis gu robh tòrr trioblaid ann, aig an toiseach tòisichidh leis A' Ghearmailt san Darna Cogadh agus an uair sin leis An Aonadh Shobhiat tron Chogadh Fhuar. B' e gu robh An t-Suain agus An Ruis air a bhith nan nàmhaidean fad na linntean. Aih aon àm bha còrr is 13% feachdan armachd na dùthcha air an stèidheachadh an seo.[7]
Daoine ainmeil
deasaich- Eyvind Johnson: (1900 – 1976) Sgrìobhadair a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1974.
Bailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Nationalencyklopedin[dead link]
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Riaghaltas na Suaine
- ↑ Etymology Online
- ↑ Svenskt ortnamnslexikon, Språk- och folkminnesinstitutet, Uppsala, Elanders Gotab, Stockholm, 2003
- ↑ SCB
- ↑ Andersson, Per (1993). Sveriges kommunindelning 1863–1993. Mjölby: Draking. ISBN 91-87784-05-X