Cogadh Fuar
Thachair an Cogadh Fuar eadar 1945 agus 1991. Ach cha robh e mar chogadh sam bith eile air sgàth nach do thachair na feachdan na dà dhùcha ri chèile. Tha an abairt 'cogadh fuar' ann mar mhìneachadh air an strì eadar na na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonachd Sovietach thar na ceathrad sa còig bliadhnaichean a lean deireadh an Dàrna Cogadh air sgàth nach robh càirdeas eadar an dà dhùthaich. Ged nach e cogadh fìor a th' ann, bha iomadh cathan ann, m.e. ann an Vietnam, Suez is Coirea, agus bha rèis niùclasach a' dol an àirde. Agus thar na bliadhnaichean a' chogaidh fhuair, bha cunnart ann gun bhriseadh a-mach cogadh teth agus gun dh'fhàsadh an cogadh seo gu ìre niùclasach. Gu fortanach ge-tà cha do thachair seo.
Cogadh Fuar
Fo-sheòrsa de | low-intensity conflict |
---|---|
Làrach | Aimearaga-Laideannach, Àisia, Afraga, An Roinn-Eòrpa |
Na bha roimhe | An Dàrna Cogadh |
Na bha ’na dhéidh | post–Cold War era |
Ceann-latha | 1946 |
Thòisich | 1945 |
Àm crìochnachaidh | 25 dhen Dùbhlachd 1991 |
Participant | Eastern Bloc, Western Bloc |
Has cause | superpower |
Cuspair eòlais | history of the Cold War |