Bello
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1495m
Co-chomharran 6° 09' Tuath
75° 36' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 50 km²
Àireamh-shluaigh 371,591 (2005)
Dlùths 7,431.82/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Bello

'S e baile-mòr a tha ann am Bello. Tha e anns A' Ghleann Aburrá faisge air Medellín ann an Antioquia,[1] ann an Coloimbia.[2] Tha Bello na phàirt dhen Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín. Tha am baile suidhichte aig 10km air falbh bho Mhedellín agus aig 1,495m os cionn ìre na mara.[3] 'S e Bello an 14mh baile as motha na dùthcha.[4] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1676.

Freumhan an Ainm

deasaich

'S e Hato Viejo an t-ainm a bha air a' bhaile o thùs, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Hato (tuathanas cruidh) le freumhan anns an fhacal Gotach Fata (Aodach)[5] agus viejo (seann) bho veculus ann an Laideann.[6] Chaidh an t-ainm aige a dh'atharrachadh gu Bello ann an 1883, an sloinneadh aig a' churaidh Andrés Bello, a bha an sàs anns a' chogadh an aghaidh na Spàinne.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 371,591 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 13,452 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[7] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Bello (is mòran dhuibh mestizos), tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 7.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92,9% dhe na daoine ann an Itagüí leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 91,4,7% dhe na dachannan.[9]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Bello. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

  • Fèis Neo-eisimeileachd na dùthcha: 20mh An t-Iuchar.
  • Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
  • Fèis "Germán Muñoz Gómez" na Dannsaichean Bailebravo agus Rumba.[11]
  • Seachdain a' Chànain.
  • Fèis Hatoviejo Ceòl na h-Andes.
  • Tachartas Ealain na h-Ograidh airson Bello.
  • Fèisean a' Bheinn Quitasol: 16mh gu 26mh an t-Iuchar.

Daoine Ainmeil

deasaich

Marco Fidel Suárez (1855 - 1927): Ceann-suidhe Choloimbia eadar 1918 agus 1921

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann am Bello (Medellín)

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Encyclopedia Britannica
  4. Bailtean as motha na dùthcha
  5. Real Diccionario de la Lengua
  6. Real Diccionario de la Lengua
  7. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  8. Cololmbia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia
  11. Cosecheros de Antioquia