Fuente de Cantos

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Badajoz
Sgìre Extremadura
Co-chomharran 38° 14' 48' Tuath
06° 18' 33' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 251.8 km²
Àireamh-shluaigh 4,687 (2020)
Dlùths 18.61/km²
Àireamh fòn + 34 924
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile beag faisg air Zafra, air an àirde an iar na Spàinne, suidhichte aig 582m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-Aibhne Taconal, 's a th' ann am Fuente de Cantos (Estremeñu: Huenti de Cantus, Gàidhlig: Tobar nan Òran). 'S ann ann an roinn Badajoz, ann an Extremadura a tha e. Tha 4,687 daoine a’ fuireach anns a' bhaile.[1]

Eachdraidh

deasaich

Thug feachdan Napoléon Bonaparte ruaig air saighdearan na Spàinne air 15 an t-Sultain 1810, aig Blàr Fuente de Campos. Chaill mu 600 duine am beatha, a' mhòr-chuid dhuibh Spàinntich.[2] Ann an 1934 bha am baile fo stiùir phròbhaist shòisealach air an robh Modesto José Lorenzana,[3] a rinn tòrr airson a' bhaile a leasachadh. B' e esan thug piseach air solarachadh uisge dhan na daoine, agus chleachd e ionmhas a' bhaile airson biadh a thoirt dhan na daoine bochd acrach gortach, leis cho cruaidh 's a bha cion-consaidh aig an àm. Nuair a thoisich Cogadh Sìobhalta na Spàinne, chaidh a chur an greim leis na Faisistich, a dh'fhagadh air gun do ghabh e ri mì-ghnàthachadh airgid poblaich agus chuir iad gu bàs e.

Daoine Ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  2. Dictionnaire historique des batailles, sièges et combats de terre et mer qui ont eu lieu pendant la Révolution française, t. 2, Paris, Ménard et Desenne, 1818
  3. The Spanish Holocaust, Paul Preston, Harper Press, 2012, ISBN|978 0 00 255634 7
  4. Badajoz Turismo

Ceanglaichean A-mach

deasaich