Arkhip Kuindzhi
B' e peantair agus Neach-teagaisg oilthigh Ruiseanach le freumham Greugach Pontach a rugadh san Ucràin a bh' ann an Arkhip Ivanovich Kuindzhi (Greugais: Αρχίπ Κουίντζι, Ucràinis: Куїнджі Архип Іванович, Ruisis: Архи́п Ива́нович Куи́нджи, IPA: ɐrˈxʲip kʊˈindʐɨ, Mariupol, 27 am Faoilleach 1841 - Sankt Peterburg, 24 an t-Iuchar 1910).[1] Bhuinneadh e do theaghlach gu math bochd: bha athair na ghreusaiche.[2] Thogadh e ann an Taganrog. Chaochail a phàrantan nuair a bha e dìreach 6 bliadhna a dh' aois. Chaidh e gu Feodosia ann an 1855, far an d' fhuair e a chuid foghlaim fo Adolf Fessler agus Ivan Aivazovsky. Mu dheireadh thall chaidh Kuindzhi a Sankt Peterburg, far an robh e gu math soirbheachail san Acadamaidh Impireil nan Ealain (Ruisis; Императорская Академия художеств). B' ann ann an stoidhl air an robh fìorachas a pheantadh e agus dhèanadh e fòcas gu seachd-àraidh air dealbh-talmhainn.
Arkhip Kuindzhi | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Mariupol uyezd (en) , 27 dhen Fhaoilleach 1841 |
Dùthaich | Impireachd na Ruise |
Bàs | Sankt Peterburg, 24 dhen Iuchar 1910 |
Àite-adhlacaidh |
Smolenskoye Orthodox Cemetery (en) Cladh Tikhvin |
Foghlam | |
Foghlam | Imperial Academy of Arts (en) 1868) |
Cànain |
Ucràinis Ruisis |
Oileanaich |
Nicholas Roerich (en) Vilhelms Purvītis (mul) Konstantin Bogaevsky (en) Evgenij Ivanovic Stolica (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair agus neach-teagaisg oilthigh |
Àitichean-obrach | Sankt Peterburg |
Fastaichean | Higher Art School at the Imperial Academy of Arts (en) |
Buaidh | Ivan Shishkin (en) |
Gluasad | realism (en) |
Iomraidhean
deasaich- ↑ V.S. Manin Arkhip Ivanovich Kuinji, Leningrad, 1990, ISBN 5-7370-0098-2.
- ↑ Донецька Обласна Aдміністрація