Antonio Machado Ruiz
B' e bàrd barraichte Spàinnteach a bha ann an Antonio Cipriano José María Machado Ruiz (1875–1939). Rugadh e ann an Sevilla ann an 1875. Tha a bhàrdachd pailt agus ioma-sheòrsach: eibhinn, brònach, aotrom, domhainn tuairisgeulach, feallsanachail – ach an còmhnaidh sgoinneil, bòidheach, fìorghlan, treibhdhireach, uasal. Bha e ‘na comh-aimsireach do bhàrd mòr eile, Federico Garcia Lorca a rugadh, mar Mhachado, ann an Andalusia, ceann iar-dheas na Spàinne. Mu thimcheall Mhachado, sgrìobh an leabhar mòr-eòlais Larousse:
Antonio Machado Ruiz | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Antonio Cipriano José María Machado Ruiz |
Breith | Sevilla, 26 dhen Iuchar 1875 |
Dùthaich | An Spàinn |
Àite-fuirich |
Madrid Paris Soria Baeza Segovia Sevilla Rocafort (en) Barcelona Collioure |
Bàs | Collioure, 22 dhen Ghearran 1939 |
Àite-adhlacaidh | Collioure |
Teaghlach | |
Athair | Antonio Machado Álvarez |
Màthair | Ana Ruiz Hernández |
Cèile | Leonor Izquierdo (1909 - 1912) |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh a' Mheadhain |
Cànain |
Spàinntis Fraingis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, sgrìobhadair, sgrìobhaiche-dràma, neach-teagaisg agus intellectual (en) |
Obraichean comharraichte |
Soledades. Galerías. Otros poemas (en) Campos de Castilla (en) Juan de Mairena (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | Royal Spanish Academy (en) |
Gluasad | Ginealach '98 |
Gnè ealain |
bàrdachd dràma-eòlas aiste |
IMDb | nm0004676 |
...bàrd Spàinnteach, a rugadh ann an Sevilla ...a thug gu buil, air feadh beatha iriosail, uaigneich mar teagasgair na Fraingise..., cruthachadh obair bàrdachd a bha anabarrach luachmhor.
Campos de Soria (Achaidhean Shoria)
deasaichSeo, mar eisimpleir den bhàrdachd tuairisgeulaich aige, beagan rann às a dhuan fada (naoi earrannan agus còig rann deug) a sgrìobh e do bhaile dan ainm Soria ann an ceàrn beanntach, anns an àirde tuath den Spàinn, far an do theagaisg Machado agus far an do phòs e a aon bhean ionmhainn Leonor a chaochail nuair nach robh i ach òg. Ann an 1989 chaidh Antonio Machado ainmeachadh le UNESCO mar Poeta Universal (“Bàrd Uile-choitcheann”).
- Tha fearann Shoria neo-thorrach, tartmhor, fuar
- Air na cnuic chruinne is na beanntan maola,
- Cluaintean glasa agus sgùrran ciar,
- Thig agus thèid an t-Earrach
- A’ fàgail eadar feur is luibhean cùbhraidh
- Neòineanan beaga bàna air an làr.
- Cha dhuisg an ùir ‘s an raon ‘na chadal fhathast,
- Air tùs a’ Ghiblein bidh e ‘g cur an t-sneachd
- Air leitir àird a’ mhonaidh;
- Pasgaidh fear-siubhail a mhuineal is a bheul
- ‘Na ghuailleachan clòimhe, agus ceumaidh
- Ciobairean seachad ann an cleòcan fada.
- Soria glan nam beann fuara
- Ceann de Roinn Extramadura
- Le làrach caisteal ceathairne
- Air bruaich abhainn Duero;
- Leis a bhàbhain chnàimhte
- Is a thaighean dubhaichte!
……….
- Thèid sibh còmhla rium ann am chridh’!
IX
- Seadh, thèid sibh còmhla rium, achaidhean Shoria
- Feasgairean sìochail agus beanntan purpaidh,
- Doireachan aibhne, aislingean uaine
- Den fhearrann odhar, ‘s den duslach ghlas
- Agus den bhaile chrìon,
- Dhrùidh sibh air m’anam –
- No an robh sibh ann mu thràth?
- ‘Mhuinntir àrd-chòmhnaird tìr Numancia:A leanas ri Dia mar sean-Chrìosdaidhean,
- Gun lìonadh grian na Spàinne sibh le aoibhneas,
- Le solas, saidhbhreas agus soirbheachadh!
(Air a eadar-theangachadh le Garbhan MacAoidh.)
Iomradh
deasaich- Màthair-adhbhar: GAIRM, Àireamh 155, An Samhradh 1991, t.d. 253-257.