Garbhan MacAoidh
'S e sgrìobhadair sa' Ghàidhlig is san Esperanto agus eadar-theangaiche a tha ann an Garbhan MacAoidh (Beurla: Girvan Christie McKay).
Garbhan MacAoidh | |
---|---|
Beatha | |
Breith | 1929 |
Dùthaich | Poblachd na h-Èireann |
Foghlam | |
Cànain | Esperanto |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-labhairt Esperanto |
Rugadh e 14 an Lùnastal 1929 ann an Todos Santos del Chaparé, Boilibhia, far an do dh'obair athair mar mhiseanaraidh. Dh'imrich an teaghlach don Spàinn, don Phortagail is b' ann ann an Glaschu a bha e na sgoilear eadar 1940 is 1946. Thill an teaghlach don Phortagail an dèidh a' chogaidh.
Nuair a bha e an sàs mar mhanaidsear sgoil cànanan ann am Manchester rinn e leasanan Gàidhlig far an do thachair e ris a bhean Máire. Dh'obair iad mar mhiseanaraidhean is tidsearan ann an Eilean nan Caorach is thrèanaich e mar mhinistear ann an Obar Dheathain. Bha e na mhinistear ann am Buenos Aires eadar 1969 is 1974, anns an Srath eadar 1974 is 1979, an sin ann an Tulach Mhór. Sgrìobh e clàr-amais sa' Bheurla airson an fhaclair Dwelly, mòran aistean ann an Gairm is san iris Esperanto Monato.[1]
Eadar-theangachaidhean
deasaichDh'fhoillsich e eadar-theangachaidhean Antonio Machado Ruiz agus France Prešeren ann an Gairm.
Leabhraichean
deasaich- MacAoidh, Garbhan (1991): La Gaela lingvo en Skotlando : hodiaŭ kaj hieraŭ (Esperanto). Glaschu: Eldonejo Kardo.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Black, Ronald (1999): An Tuil: Anthology of 20th century Scottish Gaelic verse. Edinburgh: Polygon, td. 796.