Angostura (Antioquia)
Angostura
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Àirde | 1638m | ||||
Teòthachd chuibheasach | 23˚ | ||||
Co-chomharran | 06 53' 07' Tuath 75° 20' 07' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 387 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 12,519 (2005) | ||||
Dlùths | 32.35/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia,[1] a th’ ann an Angostura. Tha e suidhichte aig 1,675m os cionn ìre na mara agus 139km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1822.
Sluagh a' bhaile
deasaichTha 2,096 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 12,519 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Angostura, ach tha 23.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 77.7% dhe na daoine ann an Angostura leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 15.4% nan dachaigh.[5]
Eachdraidh
deasaichGed a rugadh e ann an Santa Rosa de Osos, thogadh am bàrd Porfirio Barba Jacob an seo, o chionns du robh a shean-phàrantan a’ fuireach ann.[6]
Fèisean
deasaichThathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Támesis. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Clachain
deasaichLlanos de Cuiva