An Aghaidh Mhòr

Sealladh air An Aghaidh Mhòir
Suidheachadh
An Aghaidh Mhòr is located in Alba
An Aghaidh Mhòr
An Aghaidh Mhòr (Alba)
Dùthaich Alba
Co-chomharran 57° 11′ 38″ T
3° 49′ 23″ I
Comharradh-clèithe NH898129
Feartan fiosaigeach

'S e baile agus baile turasachd anns a' Ghaidhealtachd a tha san Aghaidh Mhòir (Beurla: Aviemore).[1] Ann an 2001 bha 2,380 daoine a' fuireach ann. Tha an Aghaidh Mhòr suidhichte ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Tha am baile ainmeil airson sgìtheadh agus cnocaireachd anns a' Mhonadh Ruadh.

Tha an Aghaidh Mhòr faisg air rathad A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis. Tha Stèisean na h-Aghaidh Mòire suidhichte air an loidhne eadar Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail san Aghaidh Mhòr sa bhliadhna 1969.

Iomraidhean

deasaich
  1. An Aghaidh Mhòr/Aviemore”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen Mhàrt 2023.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: