'S e beinn anns a' Mhonadh Ruadh a tha ann am Bràigh Riabhach (Beurla: Braeriach).

Am Bràigh Riabhach

Am Bràigh Riabhach
Àirde (m) 1296
Àirde (tr) 4,251
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Am Bràigh Riabhach is located in Alba
Am Bràigh Riabhach
Am Bràigh Riabhach (Alba)
Suidheachadh Am Monadh Ruadh
Mapa cumadh-tìre Landranger 36
Comharradh-clèithe NN95349992

Tha i 1,296 meatair (4,252 troigh) a dh'àirde agus mar sin 's i an treasamh beinn as àirde ann an Alba an dèidh Beinn Nibheis agus Beinn Mac Duibh, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. 'S e seo na co-chomharran aice: 57° 4′ 41.41″ Tuath agus 3° 43′ 43.79″ Iar.

'S e Am Bràigh Riabhach aon de na beanntan ris an canar Marilyn agus Munro.

'S urrainnear sreap air a' bheinn. Tha an t-slighe a' tòiseachadh ann an làrach-pàircidh Sugar Bowl agus a' leantainn tro raon sgìthidh a' Chùirn Ghuirm, tron bhealach Làirig Dhrù agus seachad air Sròn na Làirige, mullach beag eile. Tha an t-slighe mu 9 cilemeatair de dh'astar. Dh'fhaodadh cuideachd dol bho Dhrochaid na Coileum air a' bhaidhsagal a Ghleann Eanaich agus suas bho thaobh thaobh an iar na beinne.

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: