'S e baile seirbhis anns a' Bhàideanach, a' Ghaidhealtachd a th' ann an Ceann a' Ghiùthsaich. Tha am baile suidhichte beagan mìltean gu tuath bho bhealach Dhruim Uachdair a ghearras tro Dhruim Albainn bho dheas gu thuath. Aig Bhaile Ur an t-Slèibh, trì mìltean gu deas, tha ceann Rathad Lagain a tharuinneas chun an iar gu Bràighe Loch Abair agus An Gearasdan. Tha na tobhtaichean den Gearasdan Ruadhainn, a bha na ionad cudthromach aig an arm dearg rè na deicheadan as dèidh bliadhna Prionnsa Theàrlaich fhathast ri fhaicinn mu leth mhìle chun an ear bhon bhaile.

Am baile

Tha an sgioba iomain Chinn Ghiùthsaich air a bhith an sgioba iomain bu shoirbhicheil ann an Alba os cionn fichead bliadhna.

Goireasan

deasaich

Tha grunnan bùithtean aig Ceann a' Ghiùthsaich, gu dearbh bha e na phrìomh-bhaile den Bhàideanach mus an do dh'fhàs baile mun chuairt an Gobhal Rathad-iaruinn aig An Aghaidh Mhòr aig deireadh an 19mh linn.

Is e clachan sgìreil a tha ann, le Eaglais na h-Alba agus Eaglais Chaitligich. Tha ionad comhairle agus Àrd Sgoil anns a' bhaile còmhla le Taigh-tasgaidh Gàidhealach.

Ceangailean ìompair

deasaich

Tha rathad A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis na dol seachad air Ceann a' Ghiùthsaich agus tha stèisean rathad-iaruinn air iomall a' bhaile.

Daoine ainmeil

deasaich

Bha am bàrd Donnchadh Gobha na èildear ann an Cinn a' Ghiuthsaich.