Alasdair Crotach MacLeòid
B' e Alasdair Crotach (1455 - 1547) ochdamh ceann-feadhna Chlann Mhic Leòid na Hearadh. Cha d'rugadh crotach e, ach chaidh a leòn le tuagh eadar a dhà ghualainn le creachadairean Dòmhnallach as dèidh Cath Bhàgh na Fala ann an 1480. 'S ann aig a' chath seo a chaidh athair, Uilleam Dubh a ghlacadh le Aonghas Òg Mac Dhòmhnaill agus Ailean Mùideartach agus e a' sabaid ann an arm Iain, Tighearna nan Eilean an aghaidh Aonghais Òig, mac dìolainn Iain, a bha airson an Tighearnas a riaghladh an àite athar. Thugadh Uilleam Dubh a Dhùn Bheagan ach bhàsaich e air an t-slighe.
Alasdair Crotach MacLeòid | |||
---|---|---|---|
← William Dubh MacLeod (en) | |||
Beatha | |||
Breith | 1450 (Gregorian) | ||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||
Bàs | 1547 (Gregorian) | ||
Àite-adhlacaidh | Eaglais Roghadal | ||
Teaghlach | |||
Athair | William Dubh MacLeod | ||
Màthair | unknown daughter Maclean | ||
Cèile | unknown daughter Cameron (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Cànain | Gàidhlig | ||
Dreuchd |
Phòs Alasdair nighean Chamshronaich Loch Iall ann an 1535. Tha beul-aithris ag innse gun robh deichnear nighean aig a' Chamshronach agus gur i an deicheamh tè a phòs e oir dhiùlt an naoinear eile a ghabhail leis mar a bha e crotach. Chaidh am mac as sine aca, Dòmhnall, a mhurt ann an 1557 agus b'e a bhràthair Uilleam (Uilleam na h-Uamha) an ath cheann-feadhna. Phòs dithis de na h-inghean aig Alasdair Dòmhnallaich Shlèite.
Nuair a ghabh an Crùn còir air fearann Thighearnas nan Eilean ann an 1493 thug bann sgrìobhte rìoghail còir air na Hearadh, Duirinis, Bracadal agus Mingnis do dh'Alasdair. Chuir seo ris an fhearann a chaidh a thoirt do Chalum Reamhar Math, an treas ceann-feadhna le Rìgh Daibhidh II, agus ghabh Alasdair seilbh cuideachd air cuid de Thròtairnis agus air Caisteal Dhùn Tuilm. Ann an 1513 thug e ionnsaigh air Dùn Sgàthaich, far an deach leis, agus air Caisteal a' Chnuic, far nach deach, ach chaidh mathanas a thoirt dha airson seo mar thoradh air co-obrachadh leis a' Chrùn. Thug Leas-rìgh Gilleasbuig Dùbhghlas dha còir air fearann ann an Slèite agus ann an Uibhist a-Tuath. Bhuineadh tòrr de na sgìrean seo do dhùthchas nan Dòmhnallach agus chaidh tòrr strì eadar na Leòdaich agus na Dòmhnallaich aobharachadh leis mar a chaidh an toirt do dh'Alasdair.
Tha ainm Alasdair ainmeil ann an dualchas Chlann Mhic Leòid leis mar is e a thog Tùr nan Sìthichean aig Caisteal Dhùn Bheagan, a thug a-mach Bratach nan Sìthichean aig Cath Ghleann Dàil agus a chum fleadh mòr don rìgh Seumas V air na beanntanan Healabhal Bheag agus Healabhal Mhòr, no 'Bùird Mhic Leòid' mar a chanar riutha sa Bheurla.
A thaobh dualchas na Gàidhlig, b' e duine foghlamaichte a bh' ann an Alasdair a thug brosnachadh mòr do na h-ealain. A rèir beul-aithris b' esan a mhisnich Clann Mhic Cruimein gu colaiste Phìobaireachd fhosgladh ann am Boraraig. Thog e Eaglais Naomh Chliamhainn ann an Roghadal na Hearadh timcheall air 1520 agus bharantaich e uaigh spleadhnach ionnte dha fhèin a tha ga meas an-diugh mar tè de na h-eisimpleirean as fheàrr air snaidheadh cloiche ann an stoidhle cheann an iar na Gàidhealtachd a rinneadh a-riamh. Bha e air eaglais Eilean Ì fhaicinn agus bha e airson eaglais coltach rithe a thogail san dùthaich aige fhèin.