Eaglais Roghadal
(Air ath-sheòladh o Eaglais Naomh Chliamhainn)
Chaidh Eaglais Roghadal neo Tùr Chliamainn na Hearadh a thogail anns an 16mh linn le Clann 'ic Leoid, agus innte tha uaigh Alasdair Chrotaich, ceannard na Leodaich anns na Hearadh agus an Eilean Sgitheanach (Dùn Bheagain) anns an 18mh linn. Chaidh an uaigh a dhèanamh le clach gneiss ionadal, air a sgeadachadh le clach-ghainmhich à Muile. Tha an sealladh seo a’ coimhead gu gairdean deas na h-eaglais air a thogail bhon bogha tuath. Tha am bogha fhèin air a dhèanamh le cloich schist dubh.