Alacant
Alacant
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Alacant | ||||
Sgìre | Co-chomann València | ||||
Co-chomharran | 38° 20' 43 Tuath 00° 28' 59 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 201.27 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 334,418 (2010) | ||||
Dlùths | 1,661.54/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 965 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr agus port cudromach air oirthir an ear na Spàinne a th’ ann an Alacant (Catalanais, IPA: ala'kant), neo Alicante[1] (Spàinntis: IPA: ali'kante). Chaidh a stèidheachadh mu 324 ro Chrìosd. Tha Alacant suidhichte air a’ Mhuir Meadheanach, aig dìreach 1m os cionn ìre na mara,[2] eadar na h-aibhnichean Seco agus Rambuchar.[3] Tha Alacant 362km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 394km bho Bharcelona.[4] Tha 334,418 daoine a’ fuireach ann an Alacant,[5] an darna baile as motha anns a' Cho-chomann València agus an 13mh baile anns an Spàinn.[6] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Alacant a th’ ann an Alacant cuideachd.
Freumhan an ainm
deasaichTha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Ἂκρα Λευκῆ, (Akra Leukḗ) no Λευκῆ Ἂκρα, (Leukḗ Akra) (Gàidhlig: Rubh Geal) ann an Greugais a tha an t-ainm air sàilleabh gu robh am baile fo bhuaidh nan Cartagach o chionn fhada.[7] Dh'atharrach na Ròmanaich an t-ainm gu Lucentum agus as an dèidh chaidh atharrachadh gu ألَلَقَنْت (Al- Laqant) ann an Arabais.[8] 'S ann dìreach as an fhoirm seo a thàinig an t-ainm a thathar a' cleachdadh an latha an-diugh ann an Catalanais.
Eachdraidh
deasaichChuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9]
Cruinn-eòlas
deasaichA rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Alacant.[10] Cha tuit ach 311mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 862mm nas lugha na Steòrnabhagh(1173)[11] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.
Bailtean Co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Mongabay
- ↑ Viajar en Familia
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Akra Leuké, Gran Enciclopedia Temática de la Comunidad Valenciana, Historia, Editorial Prensa Valenciana, 200
- ↑ Historia de la ciudad de Alicante, Azuar Ruiz R., Ajuntament d'Alacant, 1990
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Aemet
- ↑ Oifis na Sìde
- ↑ Annuaire de France