Achadh na Feàrna
Achadh na Feàrna | |
Clach-chuimhneachain Uallas ann an Ach na Feàrna | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 55° 49′ 50″ T 4° 29′ 3″ I |
Comharradh-clèithe | NS444625 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 5,180 (2001[1]) |
'S e baile ann an Siorrachd Rinn Friù a tha ann an Achadh na Feàrna neo Ach na Feàrna (Beurla: Elderslie).[2] Tha am baile suidhichte eadar Pàislig is Baile Iain.
Eachdraidh
deasaichBha tuineachadh an seo bho linn na h-ailbhinn, lorg arc-eòlaichean cupa is fàinne às an àm ud deas air a' bhaile. Canar cuid cuideachd gun do rugadh Uilleam Uallas ann an Achadh na Feàrna is carragh-chuimhne ann an làrach sin.[3]
Chaidh factaraidh bhratan-ùrlair a stèidhicheadh sna 1850an. Cheannaich Arthur Stoddard am factaraidh agus dh'ainmich e Glenpatrick Carpet Mills e. Stèidhich e A F Stoddard & Co, is bha Stoddard International air nas fhaide. Rinn am factaraidh bratan-ùrlair agus rugaichean is thog an companaidh taighean airson a luchd-obrach. Rinn an companaidh na bratan-ùrlair airson banais Bana-phrionnsa Ealasaid ann an 1948 agus cheannaich e companaidhean bhratan-ùrlair eile ann an Sruighlea, Pàislig agus Bonnyrigg. Ann an 2002 dhùn Stoddard International an t-ionad is chuir saothrachadh ann an aon ionad ann an Cille Mheàrnaig.[4]
Daoine ainmeil
deasaich- Deòrsa Mac Iain Dheòrsa (1915–1984) Bàrd agus eadar-theangair.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ “Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ “Paisley, Elderslie, 243 Main Road, 'Wallace's House'”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 1d dhen Fhaoilleach 2020.
- ↑ “Records of Stoddard International plc, carpet manufacturers, Elderslie, Scotland”. Jisc Archives. Air a thogail 1d dhen Fhaoilleach 2020.
- ↑ “George Campbell Hay”. Scottish Poetry Library. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2017.