Tha Rita Izsák-Ndiaye ’na Rapporteur Sònraichte nan Dùthchannan Aonaichte air Cùisean Mhion-shlògh.

Rita Izsák
UN Special Rapporteur on Minorities (en) Translate

2011 - 2017
Gay McDougall (en) Translate - Fernand de Varennes (en) Translate
Beatha
Breith Szekszárd (en) Translate, 1980
Dùthaich  An Ungair
Teaghlach
Cèile Bacre Waly Ndiaye (en) Translate
Foghlam
Foghlam Kodolányi János University (en) Translate
(1998 - 1999) : travel guide (en) Translate
Oilthigh Caitligeach Péter Pázmány
(1999 - 2004)
Dreuchd
Dreuchd lagh-eòlaiche agus Romani rights activist (en) Translate
Boyd Robasdan, còmhla ri Éadaín Ní Mháille, a’ cur fàilte air Rita Izsák
Rita Izsák a’ toirt seachad Òraid an t-Sabhail 2014

Chaidh a fastadh ’na h-Eòlaiche Neo-eisimeileach air cùisean mhion-shlògh le Comhairle nan Còraichean Daonna agus thoisich i san dreuchd sin air 1 Lùnastal 2011. Chaidh a dreuchd ùrachadh mar Rapporteur Sònraichte sa Mhàrt 2014. ’S i an dàrna neach san dreuchd sin agus tha i neo-eisimeileach bho riaghaltas no buidheann sam bith. Tha dioplòma maighstireil ann an lagh aice bho Oilthigh Caitligeach Péter Pázmány, Budapest, An Ungair. Tha i air a bhith ag obair air còraichean daonna is mhion-shlògh fad deich bliadhna is i a’ cleachdadh an eòlais phearsanta a th’ aice fhèin air leth-bhreith is claon-bhreith - Chaidh teaghlach a h-athar fhògradh air sàillibh an cinnidh Ungairich anns na h-iomairtean fuadachaidh an dèidh an dàrna cogaidh eadar Seic-Slobhagia (An t-Slòbhac san latha an-diugh) is an Ungair, agus tha a màthair de chinneadh Romàni.

Thòisich i ’na cùrsa-obrach aig Ionad Còraichean Roma na Roinn Eòrpa ann am Budapest, agus an déidh sin bha i ’na Comhairliche aig Oifis nan Dùthchannan Aonaichte dhen Àrd-choimisean air Còraichean Daonna, aig Institiùd Open Society, aig Maoin Foghlam nan Roma, agus aig Comann airson Còirichean nam Ban ann an Leasachadh. Rinn i tursan obrach ann an Dùthaich nan Somàili/Somàilia far an robh i ag obair cuide ri Buidheann Nàiseanta `Òigridh Dùthaich nan Somàili (air iomlaid aig Progressio ann an Lunnainn), agus thug i seachad òraidean air còraichean daoine aig Oilthigh Lagha Hargeisa. An déidh làimh, dh’imrich i gu Srebrenica ann am Bosna agus Hearsagobhana far an robh i na h-Oifigear Chòraichean Daonna ann am Buidheann Tèarainteachd is Co-obrachaidh san Roinn-Eòrpa. Bha i ’na h-Àrd-cheannard aig Rùnaireachd Stàite airson In-ghabhail Shòisealta ann am Ministreachd a’ Cheartais is Rianachd Phoblaich san Ungair, agus bha i an urra ri caochladh phrìomh dhleastanasan nuair a bha Ceannas an Aonaidh Eòrpaich fo stiùir na h-Ungaire, a leithid stéidheachadh Dòigh-obrach Eòrpach airson Ro-innleachdan Nàiseanta Co-ionnanachd nan Roma. Eadar 2011 agus an t-Earrach 2013, bha Rita Izsák ’na Ceann-suidhe agus ’na h-Àrd-oifigear aig Institiud Tom Lantos ann am Budapest san Ungair, institiud rannsachaidh a tha stéidhichte air leasachadh chòraichean daonna is mhion-shluaghan.

Ann an 2014 thug i seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig.

Ceanglaichean a-mach deasaich