Tha an Dr Iain Mac an Sporain (Beurla John Purser) (1942) ʼna sgrìobhadair, sgrìobhaiche-ciùil agus neach-rannsachaidh ciùil. Rugadh e ann an Glaschu ann an 1942, agus tha e aʼ fuireach a-nis air an Droighnean faisg air Ealaghol san Eilean Sgitheanach far a bheil tuathanas aige.

Iain Mac an Sporain
Beatha
Breith Glaschu, 1942
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Fettes College (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhaiche-dràma, ceòl-sgrìobhaiche, music historian (en) Translate agus bàrd
Gnè ealain opra

An leabhar Scotland's Music,[1] (1992 le tionndadh nuadh ann an 2007) a sgrìobh e, tha e ʼna leabhar-eòlais cudromach air eachdraidh aʼ chiùil bho Linn an Umha chun an latha an-diugh. Lean e air sin le sreath de 30 phrògraman air BBC Radio Scotland fon aon ainm.

Thug e seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1994. Rinn e cùrsa aig aʼ cholaiste bho 1999 gu 2001 agus ionnsaich e aʼ Ghàidhlig gu fileantachd. Bʼ esan aʼ chiad stiùiriche air aʼ cheum BA Gàidhlig agus Ceòl aig Sabhal Mòr Ostaig.

Iomraidhean

deasaich
  1. Purser, John, Scotland's Music: A History of the Traditional and Classical Music of Scotland from the Earliest Times to the Present Day, Mainstream Publishing 1992 ISBN 1-85158-426-9

Ceanglaichean a-mach

deasaich