Contae Chiarraí
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Mumhan
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4,701 km²
Àireamh-shluaigh 154,502 ()
Dlùths 32.87/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Chiarraí[1] (tuiseal ainmneach: Ciarraí,[2] Laideann: Comitatus Kerriensis). Tha e suidhichte air an àirde an iar-dheas na dùthcha, ann an Còigeamh Mumhan. Tha 154,502 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 4,701km²,[3] an còigeamh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 13mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Chiarraí le Luimneach, agus Corcaigh.[4] Bha 293,880 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] Tha Corrán Tuathail (1032m), a' bheinn as àirde ann an Èirinn[6] agus an Dún Mór, an t-àite as fhaide air an àirde an iar na dúthcha,[7] sa chontae. Chaidh Contae Chiarraí a chruthachadh ann an 1233.[8]

Sgìrean Ionadail deasaich

Tha naoi baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn an Chiarraí: Clann Mhuiris, Corca Dhuibhne, Dún Ciaráin Theas, Dún Ciaráin Thuaidh, Gleann na Ruachtaí, Maigh gCoinchinn, Oireacht Uí Chonchúir, Triúcha an Aicme agus Uíbh Ráthach. A bharrachd air sin, tha 86 parraistean[9] (a' mhòr-chuid ann an sgìreachd-easpaig Chiarraí, agus baile fearainn ann an Luimneach)[10] agus 2,756 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean deasaich

Daoine Ainmeil deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. OSI
  7. Everytrail
  8. Irish FactsTeamplaid:Fix/category[dead link]
  9. Irish Times
  10. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann