Contae Chill Chainnigh
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,062 km²
Àireamh-shluaigh 99,232 (2016)
Dlùths 48.12/km²
Àireamh fòn + 353 56 & 353 51
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Chill Chainnigh[1] (tuiseal ainmneach: Cill Chainnigh,[2] Laideann: Comitatus Kilkenniensis). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 95,419 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,062km²,[3] an 16mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 12mh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae Chill Chainnigh le Ceatharlach, Laois, Loch Garman, Port Láirge agus Tiobraid Árann.[4] Bha 183,349 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Cnoc Bhréanail (516m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail deasaich

Tha dà bharanachd dheug (Gaeilge: barúntacht) am broinn Chill Chainnigh: Callainn, Crannach, Fásach an Deighnín, Gabhalmhaigh, Gabhrán, Uí Dheá, Uíbh Eirc, Ceanannas, Cill Choilchín, Cnoc an Tóchair, Síol Fhaolchair agus Cill Chainnigh fhèin. A bharrachd air sin, tha 140 parraistean[7] (ann an dà sgìreachd-easpaig: Cill Dara-Leithghlinne agus Osraí)[8] agus còrr is 1,600 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann