Contae Mhaigh Eo
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Chonnacht
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5,398 km²
Àireamh-shluaigh 130,638 ()
Dlùths 24.2/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Mhaigh Eo[1] (tuiseal ainmneach: Maigh Eo,[2] Laideann: Comitatus Magionensis). Tha 130,638 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 5,398km²,[3] an treas siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 15mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Mhaigh Eo le Sligeach, Ros Comáin agus Gaillimh.[4] Bha 380,887 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Cnoc Maol Réidh (814m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Eachdraidh deasaich

Chaidh an Contae a stèidheachadh ann an 1585 le Ealsaid I, a' leantainn crìochan an tighearnais a bha fo bhuaidh MhicUilleim Íochtar aig an àm.[7] Thuit àireamh-shluaigh na siorrachd an an −29.4% aig àm na Gorta Mòire.[8] Bha Conradh na Talún gu math gnìomhach an seo an deireadh an 19mh Linn: chuireadh air dòigh an seo ann an 1879.

Daoine Ainmeil deasaich

Sgìrean Ionadail deasaich

Tha naoi baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Mhaigh Eo: Buiríos Umhaill, Ceara, Cill Mheáin, Clann Mhuiris, Coistealaigh, Gaileanga, Iorras, Muraisc agus Tír Amhlaidh. A bharrachd air sin, tha 74 parraistean[9] (ann an ceithir sgìreachdan-easpaig: Tuaim, Cill Ala, Achadh Conaire agus Cill Gaillimh)[10] agus 3,424 bailtean fearainn sa chontae.

Baranachdan deasaich

Bailtean deasaich

Cruinn-eòlas deasaich

Cultar deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Lower Mac William and Viscounts of Mayo, 1332-1649, A New History of Ireland IX, 235–36, Oxford, 1984
  8. Mokyr, J. agus Ó Gráda, C., New Developments in Irish Population History: 1700-1850, The Economic History Review, 1984
  9. Leabhlann Chontae Mhaigh Eo
  10. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann