Contae an Longfoirt
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Laighean
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,044 km²
Àireamh-shluaigh 39,000 ()
Dlùths 37.36/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae an Longfoirt[1] (tuiseal ainmneach: An Longfort,[2] Laideann: Comitatus Longfordiensis). Tha e suidhichte ann an teas-mheadhan na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 39,000 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,044km²,[3] an cethreamh siorramachd as lugha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an dàrna as lugha a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae an Longfoirt le Muineachán, Liatroim, Iarmhí agus Ros Comáin.[4] Bha 115,491 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Carn Clainne Aodha (906m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail deasaich

Tha sia baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Longfoirt: Ardach, Gránard, Maigh Dumha, Ráth Claon, Sruthail agus An Longfort fhèin. A bharrachd air sin, tha 26 parraistean[7] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Mhí agus Ardach-Cluain Mhic Nóis)[8] agus 944 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann