Contae an Chláire
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Mumhan
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,188 km²
Àireamh-shluaigh 117,196 ()
Dlùths 36.76/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae an Chláire[1] (tuiseal ainmneach: An Clár,[2] Laideann: Comitatus Clarensis). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, ann an Còigeamh Mumhan. Tha 117,196 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 3,188km²,[3] an ochdamh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 18mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae an Chláire le Corcaigh, Luimneach, Gaillimh agus Tiobraid Árann.[4] Bha 286,394 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Gleann na gCailleach (532m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail deasaich

Tha aon baranachd deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn an Chláire: Boirinn, Bun Raite Íochtarach, Bun Raite Uachtarach, Cluain idir Dhá Lá, Corca Mrua, Inse Uí Chuinn, Maigh Fhearta, Na hOileáin, An Tulach Íochtarach, An Tulach Uachtarach agus Uí Bhreacáin.[7] A bharrachd air sin, tha 80 parraistean[8] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Cill Fhionnúrach, Luinmeach agus Cill Dalua)[9] agus 2,278 bailtean fearainn sa chontae.

Bailtean deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Leabharlann an Chláire
  8. Irish Times
  9. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann