Zierikzee
Zierikzee
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Ceàrn | Schouwen-Duiveland | ||||
Sgìre | Zeeland | ||||
Co-chomharran | 51° 38 59' Tuath 03° 54 59' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 53.05 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 10,483 (2009) | ||||
Dlùths | 197.61/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 0111[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile meadhanach faisg air Middelburg, san sgìreachd (Duitsis: gemeente) Schouwen-Duiveland, air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th' ann an Zierikzee (IPA: zi.rɪk.ˌseː). Tha e suidhichte air san eilean Schouwen, eadar dà Chaolas: Grevelingenmeer ann an ceann a tuath agus Oosterschelde ann an ceann a deas, 1m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn Tìr na Mara (Duitsis: Zeeland), 106km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 50km bho Rotterdam, 55km bho Den Haag, 54km bho Zundert agus 98km bho Utrecht.[3] Chaidh Zierikzee a chlàradh airson a' chiad turas ann an 976 mar Creka, ach cha do nochd an t-ainm Zierikzee (Siricasha) gu ruige 1156. Fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an 1248. Tha 10,483 duine a' fuireach ann.[4] Tha ministear na h-eaglaise Phròstanach sa bhaile, fear air a bheil Klaas Hendrikse, air leabhar neo dhà a sgrìobhadh far a chanas e nach eil Dia idir ann. ‘S e 'Am Ministear Neo-dhiadhaire' am far-ainm a tha air.[5]
Bailtean Co-cheangailte
deasaich- Hatfield[6]
- Saint-Hilaire-du-Harcouët