Wrocław
Wrocław
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Wrocław fhèin | ||||
Sgìre | Dolnośląskie | ||||
Co-chomharran | 51° 06 36' Tuath 17° 01 20' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 634,487 (2014) | ||||
Àireamh fòn | +48 71 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.wroclaw.pl/ |
S' e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Pòlainn a tha ann an Wrocław (IPA: vrɔt͡swaf , Gearmailtis: Breslau, Liotuànais: Vroclavas, Latbhais: Vroclava, Seacais: Vratislav, Laideann: Vratislavia). Tha e suidhichte aig 118m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Odra,[2] anns an roinn Dolnośląskie (Ìosail Silesia). Ann an 2010 bha 632,996 dhe daoine a' fuireach ann. Tha Wrocław 386km air falbh bho Lublin, 233km bho Kraków, 302km bho Gdańsk agus 450km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] ‘S e an 4mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4] A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1242[5] agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1945.[6]
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh anns an 10mh Linn fon t-seann ainm Pòlais Wrocisław, a tha a’ ciallachadh thill làn Glòr, bhon ghnìomhair wrócić (thill) agus bhon ainmear sława (Glòr).[7] Bhathar ga sgrìobhadh Vratislavia ann an Laideann. Bha am baile fo bhuaidh nam Piast, ach cha robh e idir cho cudromach dhuibh, aig ìre eaconamach, na Liegnitz (Legnica) neo Brieg (Brzeg) a bha nan ionadan riaghladh ron 15mh Linn mar-thà.[8] Mar an roinn air fad, chuireadh am baile bho Rìoghachd na Pòlainn gu Crùn na Bohemia (a bha am broinn Iompaireachd Chràbhach Ròmanach nan Gearmailteach) leis an ainm Breslau, ann an 1335.[9] An uair sin chaidh e a chur ris An Ostair, ann an 1526. Cheannsaich A’ Phrùis e ri linn Cogadh Còir-sheibh na h-Ostair, is chaidh sin a dhearbhadh tron Chòrdadh Breslau (1742) agus tron Chòrdadh Aix-la-Chapelle (1748).[10] Thachair pàirt mhòr Cogadh na Seachd Bliadhna anns an Silesia, is chum A’ Phrùis e, tron Chòrdadh Hubertsburg (1763).[11] Chaidh iad an aghaidh le iomairt geamailteachadh na roinne na bu truime is na bu truime air an dùthaich,[12] oir bha na bailtean air an gearmailteachadh on mheadhan aoisean. Mar A’ Phrùis air fad, chaidh am baile a chur ri Iompaireachd na Gearmailte, air a stèidheachadh ann an 1871.[13] Dh’fhàs eaconomaidh a’ bhaile gu mòr air sàilleabh a shuidheachadh air blàr torach, a bharrachd air leasachadh gnìomhachas air feadh Shilesia.[14] Eadar an dà chogadh bha muilnean-sàbhaidh agus taighean-gnìomhachas an òla ann is ‘s e àite cudromach taobh innealan, stuthan do rathaidean-iarainn, piàna, tombaca, òr, ribeanan is adan, malairt meatailt amh is air obrachadh, gual, fiodha, a’ chlò (margaidh na h-olainn), anart, gràn, beathaichean a bh’ann cuideachd. Dh’ fhulaing Breslau duilgheadasan doirbh cruaidh taobh an eaconamaidh an dèidh Cogadh a’ Cheusair oir chaill A’ Ghearmailt an roinn Phosen is a’ mhòr-chuid Àrd-Shilesia, tobar nàdarra stuthan is prìomh mhargaidh na dheànadh ann am Breslau.[15] Chuireadh caochlach bhaile beag mu thimcheall Breslau ris fhèin, a thug piseach air meud a’ bhaile, bho 4,962ha gu 17,509ha. Shoirbhich polasaidhean urranta a’ chomhairle taobh leasachadh cathaireil a’ bhaile is dh’fhàs e a bhith co-ionnan ri mòran bhaile eile dhen aon mheud air feadh na dùthcha.[16] Thogadh sgìrean ùra air iomall a’ bhaile le toglaichean a bha na b’ fhreagarraiche do fheumalachdan ùra, chruthachadh pàircean is liosan gus adhar a thoirt chun a’ bhaile is suidheachadh is goireasan muinntir a’ bhaile a leasachadh, is an àireamh-sluaigh a’ sìor èirigh. Bha còrr is 620,000 a’ fuireach ann am Breslau aig deireadh na 1920an, is fiù’s 630,000 ann an 1939.[17] Ann an 1945 chuireadh an roinn air fad ris a’ Phòlainn tron Chòrdadh Potsdam, (eadar na Stàitean Aonaichte, An Aonadh Sobhiat agus An Rìoghachd Aonaichte),[18] is chaidh na daoine Gearmailteach a thilgeil a-mach. Chaidh Pòlaich a chur nan àite, is mòran dhuibh a’ teiche bho na roinnean a chaill A’ Phòlainn air an àirde an ear na Loidhne Curzon, sgìrean a ghoid an Aonadh Sobhiat bhuapa.[19] Bho 25mh gu ruige 28mh An Lùnasdal 1948, ghabh àite Co-chruinneachadh Eadar-nàiseanta Luchd-innleachdail na Sìthe ann an Wrocław. ‘S e toiseach tòiseachaidh Comhairle Sìth na Cruinne a bh’ann, air a chumail ann am baile a bha na shamhla a’ bhuadhachais air a’ Ghearmailt Nàsach.[20]
Daoine Ainmeil
deasaich- Alois Alzheimer: (1864 – 1915) Dotair.
- Mannfred von Richthofen: (1892 – 1918) pìolait chogaidh.
- Fritz Haber: (1868 – 1934) Ceimigear.
- Friedrich Bergius: (1884 – 1949) Ceimigear.
- Reinhard Selten: (1930) Eaconamaiche.
Bailtean Co-cheangailte
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Mongabay
- ↑ Odra - Wrocław
- ↑ Global Feed Distance Calculator
- ↑ World Gazetteer
- ↑ Republika Silesia
- ↑ Uniwersytet Wrocławski
- ↑ Dict
- ↑ Brzeg
- ↑ Tacitus
- ↑ Mémo
- ↑ History of War
- ↑ Kolonisierung und Germanisierung Schlesiens im Mittelalter, Kazimierz Tyminiecki, 1937
- ↑ Tatsachen über Deutschland
- ↑ Central European Review
- ↑ Yale Law School
- ↑ WCA
- ↑ Wrocław Life
- ↑ Dolnyslask
- ↑ The World at War
- ↑ British Pathé[dead link]
- ↑ Breda
- ↑ Stadt Dresden[dead link]
- ↑ SisterCities
- ↑ Горад Гродна
- ↑ Ciudad de Guadalajara[dead link]
- ↑ Město Hradec Králové
- ↑ Kauno Miesto Savivaldybė[dead link]
- ↑ Львів
- ↑ רמת גן
- ↑ Stadt Wiesbaden