William F. Buckley Jr.
B’ e sgrìobhadair agus iomradair às na Stàitean Aonaichte a bh’ ann am William Frank Buckley Jr. (Eabhraig Nuadh, 24 an t-Samhain 1925 – Stamford, 27 an Gearran 2008) a bha a' tarraing a' chuid as motha de na beachdan aige bhon deas-làimh de phoileataigs. Stèidhich e an iris poileataigeach National Review ann an 1955, agus bha e an làthair air 1,429 earrann den phrògram TBh Firing Line bho 1966 gu 1999. A bharrachd air an sin ‘s e naidheachdair a bh’ ann le na sgrìobhaidhean aige air am foillseachadh ann an iomadach pàipear air feadh na Stàitean Aonaichte. Bha e ainmeil airson cho fòghlamaichte, eirmseach agus briathrach ‘sa bha na pìosan a bhiodh e sgrìobhadh.
William F. Buckley Jr. | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Eabhraig Nuadh, 24 dhen t-Samhain 1925 |
Dùthaich |
![]() |
Àite-fuirich | Stamford |
Bàs | Stamford, 27 dhen Ghearran 2008 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Tinneas an t-siùcair) |
Teaghlach | |
Athair | William Frank Buckley, Sr. |
Cèile |
Patricia Buckley (en) ![]() |
Clann |
liosta
|
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Yale |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-naidheachd, preasantair telebhisein, nobhailiche, sgrìobhadair agus neach-poileataigs |
Fastaichean |
Central Intelligence Agency (en) ![]() |
Duaisean a fhuaras | |
Buaidh |
Edmund Burke (en) ![]() ![]() |
Ballrachd | Comann Mont Pèlerin |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm nan Stàitean Aonaichte |
Ìre | leas-leifteanant |
Strì | An Dàrna Cogadh |
Creideamh | |
Creideamh | Caitligeachd |
Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Poblachdach |
IMDb | nm0118702 |
Bha buaidh mhòr dha-rìreabh aig Buckley air cultar Ameireaga agus thuirt George H. Nash, eachdraiche an gluasad deas-làimhe Ameireaganach, mu dheidhinn:
- “dh’fhaodadh duine ràdh gur e an duine innteachail is cudthromach a bh’ anns na Stàitean Aonaichte thairis air an leth-cheud bliadhna chaidh…airson ginealach slàn b’ e prìomh ghuth conservatism Ameireaganach a bh’ ann agus a chiad duine mòr anns a' ghluasad ud.” [1]
‘S e an rud is buadhaiche a rinn Buckley poileataigs an làimh dheis a cheangal ri feallsanachd eaconomach “laissez-faire” bhith gu cruaidh an aghaidh comunnachas, mar sin a' cur sìos nàdar de bhun-stèidh airson an conservatism nuadh a bha aig cridhe oidhirpean Barry Goldwater agus Ronald Reagan an taghadh airson Ceannard nan Stàitean Aonaichte a bhuannachadh.
Sgrìobh Buckley iomadach leabhar. ‘S e am fear as ainmeile aige God and Man at Yale a chaidh a dh'fhoillseachadh ann an 1951. A measg nan leabhraichean eile aige sgrìobh e mu eachdraidh, poileataigs, seòladh-mara, sgilean sgrìobhaidh agus labhairt, agus sreath de leabhraichean rosg mu fhear a bha ag obair airson an CIA. Mar is tric bhiodh Buckley ga chur fhèin air adhart mar Libertarian no consevative. Bhiodh e a' fuireach ann am baile New York agus Stamford, Connecticut. Caitligeach a bh’ ann, agus bhiodh e a' dol dhan aifreann traidiseanta Laideann ann an Connecticut.
IomraidheanDeasaich
- ↑ George H. Nash (28mh dhen Ghearran 2008): “"Simply Superlative: Words for Buckley"”. National Review Online. Air a thogail 29mh dhen Ghearran 2008.