Vicuña
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Sile
Ceàrn Coquimbo
Sgìre Elqui
Co-chomharran 33° 00’ Deas
71° 31′ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7.610 km²
Àireamh-shluaigh 24,010 (2002)
Dlùths 3,155.06/km²
Àireamh fòn 51
Duilleag oifigeil http://www.munivicuna.cl/muni-ok/

‘S e baile ann am meadhan Sile a th’ ann Vicuña. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1821 le Joaquín Vicuña mar San Isidro de Vicuña. Tha e suidhichte eadar na h-Aibhnichean Elqui agus Turbio ann an ceann a tuath na roinne (Spàinntis: Provincia) Coquimbo, eadar beantan àirde mar Doña Ana (5,590m), El Escabroso (5,430m), Los Bañados (5,344m), Cerro Colorado (5,151m), Cerro La Laguna (4,724m) agus El Canto (4,600m). Tha am baile fhèin aig 469m os cionn ìre na mara[1] aig astar dhe 62km bho Choquimbo agus 380km bho Santiago prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 24,010 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] Tha gnothaichean turasachd agus iasgach gu math làidir an seo, [4] a bharrachd air an àiteachas agus na mèinnean.[5]

Daoine Ainmeil

deasaich

Stèidheachadh

deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh air an 22mh latha dhen Ghearran 1821, leis a’ Chornailear Joaquín Vicuña Larraín, a bha na riaghladair air an roinn, is e fo òrdughan Bernardo O'Higgins, (mac Ambróis O hUiginn), mar Villa de San Isidro de Vicuña (Baile an naoimh Isidro à Vicuña). Chaidh a t-ainm a ghoireachadh ann an 1872, gu Vicuña, nuair a dh’fhàs an clachan a bhith na bhaile, aig ìre oifigeil.

Eòlas-sluaigh

deasaich
Fiosrachadh %
daoine
Fo 18 bliadhna 35.7%
nas aosta na 65 5.2%
Foghlam fo aois-sgoile 43.5%
Foghlam aig a’ bhun-sgoil 100%
Foghlam aig ìre mheadhanach 83.2%
Foghlam àrd ìre 17%
Daoine gun dhachannan 3.2%
Daoine bhochd le dachannan 12.7%
Daoine bhochd 17.2%

Iomraidhean

deasaich
  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Riaghaltas Sile
  4. Fishcamp[dead link]
  5. Portal minero

Ceanglaichean A-mach

deasaich