Urbino
Urbino | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Eadailt |
Ceàrn | Marche |
Co-chomharran | 43° 43′ 30″ T 12° 38′ 14″ E |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 228.07 km² |
Àireamh-shluaigh | 15,627 (2010) |
Dlùths | 68.52/km² |
Àireamh fòn | +39 0722 |
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile meadhanach mòr ann an ceann a tuath na h-Eadailte a th’ ann an Urbino (Dual-chainnt: Urbìn). Tha e suidhichte aig 447m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Mataurus, eadar Fano agus Siena, anns an sgìre (Eadailtis: Provincia) Pesaro e Urbino, anns an roinn (Eadailtis: Regione) Marche. Tha an t-ainm a’ ciallachadh Baile beag a’ Mhataurus, ann an Laideann. Tha Urbino 204km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 334km bho Mhilano, 187km bho Phadova agus 111km bho Fhirenze.[2] Tha 15,627 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] ‘S e àite gu math beairteach taobh chultair bho linn an ath-bheothachaidh san Roinn Eòrpa agus fiù ’s chaidh Oilthigh Urbino a stèidheachadh an seo ann an 1506.[4]
Eachdraidh
deasaichBhuineadh Urbino do Stàitean na h-Eaglaise bho 1626 gu ruige 1860.[5]