Co-chomharran: 57°10′16″N 7°16′32″W / 57.171131°N 7.275517°W / 57.171131; -7.275517

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Triuirebheinn.

Triuirebheinn

Mullach na beinne
Àirde (m) 357
Àirde (tr) 1171
Àirde rinneach (m) 256
air liosta Marilyn, HuMP
Suidheachadh
Triuirebheinn is located in Alba
Triuirebheinn
Triuirebheinn (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (453S)
Comharradh-clèithe NF812212

Suidheachadh

deasaich

Tha i suidhichte ann an Uibhist a Deas mu dhà mhìle (3 km) ear-thuath air Loch Baghasdail. Tha Beinn Ruigh Choinnich deas air Triuirebheinn le Bealach an Easain eatorra. Sa tuath chithear a' bheinn Eliogar.

Tha Triuirebheinn 357m (1171 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear càrn a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde. [1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an Damhair 2001.[2] Tha an àirde rinneach de 256m a' sgaradh Triuirebheinn bho na beanntan eile. 'S e Marilyn agus HuMP a th' ann.

San iar chithear ceithir àirighean aig cois na beinne a tha clàraichte le Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar[3] agus leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. [4] Tha Triuirebheinn na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 3 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
  2. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  3. Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar: TRIUIEBHEINN, SOUTH UIST[dead link] (Beurla). Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2016
  4. Canmore ID 10139(Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2016.

Ceanglaichean a-mach

deasaich