Co-chomharran: 57°09′24″N 7°17′01″W / 57.156532°N 7.2837°W / 57.156532; -7.2837

'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann am Beinn Ruigh Choinnich.

Beinn Ruigh Choinnich

Àirde (m) 276
Àirde (tr) 906
Àirde rinneach (m) 170
air liosta Marilyn
Suidheachadh
Beinn Ruigh Choinnich is located in Alba
Beinn Ruigh Choinnich
Beinn Ruigh Choinnich (Alba)
Suidheachadh Uibhist a Deas
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (31)
OS Explorer (453S)
Comharradh-clèithe NF806196

Suidheachadh

deasaich

Tha e suidhichte ann an Uibhist a Deas mu mhìle ear air Loch Baghasdail agus iar-dheas air Triuirebheinn. [1] Tha Beinn Ruigh Choinnich 276m (906 troigh) de dh'àirde.[2] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 10 an Dùbhlachd 2012.[3] Tha an àirde rinneach de 170m a' sgaradh Beinn Ruigh Choinnich bho na beanntan eile. 'S e Marilyn a th' ann. Air mullach na beinne chithear creag mòr a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde. [2]

Iar air Beinn Ruigh Choinnich tha tobhtaichean seachd taighean agus gàrraidhean-cloiche ann a tha clàraichte air liosta a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba.[4]

Gach bliadhna, san chiad Di-Dòmhnaich san Lùnasdal tha ruith ann bho chidhe Loch Baghasdail gu mullach Beinn Ruigh Choinnich agus air ais chun a' chidhe.[5]

Iomraidhean

deasaich
  1. "Gazetteer for Scotland" (in Beurla). {{cite web}}: Unknown parameter |accessmonthday= ignored (help); Unknown parameter |accessyear= ignored (|access-date= suggested) (help)
  2. 2.0 2.1 Hill Bagging Air a tharraing air 16 an Cèitean 2016 (Beurla)
  3. "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla). {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  4. Canmore ID 9787 South Uist, Beinn Ruigh Choinnich
  5. Beinn Ruigh Choinnich - The Ben Kenneth Hill Race Website(Beurla) Air a tharraing 25 an Cèitean 2016.

Ceanglaichean a-mach

deasaich