Eliogar
Co-chomharran: 57°11′06″N 7°16′25″W / 57.184942°N 7.273684°W
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Eliogar.
Eliogar | |
---|---|
Bealach a' Chaolais le sliabh Eliogar air an làimh deas | |
Àirde (m) | 176 |
Àirde (tr) | 577 |
Àirde rinneach (m) | 64 |
Màthair-mhullaich | Triuirebheinn |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF815228 |
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte ann an taobh an ear Uibhist a Deas. Tha e na laighe eadar na beanntan Stulabhal sa tuath agus Triuirebheinn sa deas. Tha Eliogar 176m (577 troigh) de dh'àirde.[1] A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an t-Sultain 2013.[2] Tha an àirde rinneach de 64m a' sgaradh Eliogar bho na beanntan eile agus 's e Triuirebheinn a mhàthair-mhullaich. Chan eil air a mullach ach àite feurach le beagan gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde.[1] Tha Eliogar na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
Ear-dheas air a' bheinn, ann am Bealach a' Chaolais, chithear taigh fo-thalamh air meall faisg air Loch nan Arm. Tha e clàraichte leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba.[3] A rèir Seirbhis Àrc-eòlas nan Eilean Siar canar "Tigh nan Leachach" ris. [4] Deas air Eliogar, faisg air Loch nan Arm tha clach ann mu dà throigh a dh'àirde a tha ainmichte mar "Carragh-bròin". A rèir beul-aithris dh'fhalbh fear a chaidh a ghoirteachadh ann an cath cas mu sheach gus a' charragh seo mus thuit e agus e a' cromadh ris a' chlach.[5]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Hill Bagging Air a thogail 21 an t-Ògmhios 2016 (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Làrach-lìn. Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ “Canmore ID 10137” (Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 20mh dhen Ògmhios 2016.
- ↑ “Tigh nan Leachach” (Beurla). Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar. Air a thogail 20mh dhen Ògmhios 2016.
- ↑ “Carragh-broin” (Beurla). An Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 20mh dhen Ògmhios 2016.
Dealbhan
deasaich-
Tigh nan Leachach
-
Loch nan Arm
-
Loch nan Arm, Eliogar sa làimh dheas