Tarragona
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Tarragona
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 6,303 km²
Àireamh-shluaigh 811,401 (2014)
Dlùths 128.73/km²
Àireamh fòn + (977)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Tarragona (IPA: tərəˈɣonə). Tha e na laighe ann an Catalòinia, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Tarragona a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Tarragona fad 6,303km²[3] agus tha 811,401 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 39mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 18mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Barcelona, Lleida, Teruel, Zaragoza agus Castelló.[5] 'S e Catalanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm deasaich

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha Freumh-fhaclachd an àite seo. Tha beul-aithris na sgìre ag ràdh gur ann à Tarraho, mac Tubal anns a' Bhìobal a tha an t-ainm ach chan eil duine sam bi a' gabhail ri sin a-nis. Bha Strabo dhen bheachd gun d' fhuair e ainm rìgh na h-Èipheit, air an robh Taharqa.[6] A dh'aindeoin nan teòiridhean seo, tha e coltach gur ann à Tarqon (Gàidhlig: Dùn) ann am Foinìsis a tha e. Tha cruth na tìre a' gabhail ri sin leis gu bheil dùn nàdarra ann far a bheil am baile air a bheil Tarragona. Chaidh sin atharrachadh gu Tarraco no Arce Potens Tarraco ann an Laideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean deasaich

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Medieval Mediterranean Ports: The Catalan and Tuscan Coasts, 1100 to 1235, Orvietani Busch S., BRILL, ISBN 90-04-12069-6.
  7. Auson. Class. Urb. 9; cf. Mart. x. 104