Taghadh ceannardas Partaidh Nàiseanta na h-Alba 2023

Thachair an taghadh ceannardas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 2023 airson a tagh an ath Cheannard den Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (PNA). Bha an sean Ceannard den PNA, Nicola Sturgeon, a thoir suas air 15 Gearran.

1. Humza Yousaf (52.1%)
2. Ceit Fhoirbeis (47.9%)
3. Ash Regan (11.1% anns a' chiad runnd)

Bha trì thagraichean ann: Ceit Fhoirbeis, Ash Regan agus Humza Yousaf. Bhòt na buill pàrtaidh den PNA bho 13 gu 27 Màrt.

Bha connspaid an dèidh do dh'oifigich anns a' phàrtaidh àireamhan ballrachd a bha ceàrr fhoillseachadh. Leig Peter Murrell, a tha pòsta aig Nicola Sturgeon, a dhreuchd mar àrd-oifigear a' phàrtaidh suas.[1] Dh'fhalbh Murray Foote, stiùiriche conaltradh a' phàrtaidh, cuideachd.[2]

Toraidhean

deasaich

Tha an SNP a' cleachdadh siostam bhòt shingilte ghluasadach (STV) airson an taghaidh seo. Anns a' chiad runnd:

Tagraiche Bhotaichean Ceudad
Humza Yousaf 24,336 48.2%
Ceit Fhoirbeis 20,559 40.7%
Ash Regan 5,599 11.1%

Dh'fhàg an tagraiche mu dheireadh, Ash Regan, an dèidh a' chiad runnd is chaidh na dàrna roghainnean gu Foirbeis agus Yousaf:

Tagraiche Bhotaichean Ceudad
Humza Yousaf 26,032 52.1%
Ceit Fhoirbeis 23,890 47.9%

Àireamh-bhotaidh: 49,929 (70%). Bhuannaich Humza Yousaf an taghadh is e na ath-cheannard an SNP.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 21mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 22mh dhen Mhàrt 2023. 
  2. Brooks, Libby: “SNP head of communications resigns after denying fall in membership figures”, The Guardian. 17mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 22mh dhen Mhàrt 2023. 
  3. Carrell, Severin ⁊ Brooks, Libby: “Humza Yousaf elected leader of Scottish National party”, The Guardian. 27mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 27mh dhen Mhàrt 2023. 

Ceanglaichean a-mach

deasaich