Szczecin
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich A' Phòlainn
Ceàrn Szczecin fhèin
Sgìre Zachodniopomorskie
Co-chomharran 53° 25 00' Tuath
14° 35' 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 407,180 (2014)
Àireamh fòn +48 91
Duilleag oifigeil http://www.szczecin.pl/

'S e baile mòr agus port air àirde an iar-thuath na Pòlainn a tha ann an Szczecin (IPA: ʃʧɛtɕin, Gearmailtis/Suainis: Stettin, Liotuànais: Ščecinas, Latbhais: Ščecina, Caisiuibianis: Szczecëno, Laideann: Stetinum).[1] Tha e suidhichte aig 1m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-aibhne Odra, air an Lagùn Szczecin agus am bàgh Pomerania,[3] anns an roinn Zachodniopomorskie. Ann an 2008 bha 406,307 duine a' fuireach ann. Tha Szczecin 593km air falbh bho Lublin, 521km bho Kraków, 292km bho Gdańsk agus 450km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e an 7mh baile as motha anns an dùthaich.[5] A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1243[6] agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1984.[7]

Eachdraidh

deasaich

Tha eachdraidh gu math inntinneach aig Szczecin. Tro na linntean tha am baile seo air a bhith fo bhuaidh nam Pòlach, nam Pruiseanach, nan Danmhairgeach, nan Suaineach agus nan Gearmailteach. 'S e baile uabhasach Gearmailteach a bh’ ann anns an roinn Pomerania (Stàit na Prùise), gu ruige 1945. Tha e air a bhith na bhaile Pòlach on Chòrdadh Photsdam sa bhliadhna sin.

Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas nuair a bha e fhathast na chlachan beag iasgaich is malairteach nan treubhan Slàbhach anns an 8mh Linn.[8] Chaidh an fheadhainn sin a chur ri Rìoghachd ùr na Pòlainn, a chuireadh air chois mu 970,[9] ach dh’èirich iad na h-aghaidh ann an 1005 oir bha iad ag iarraidh an cuid chreideamhan pàganach a chumail beò.

Bu mhiann an rìgh Mieszko I an roinn a chumail is le sin thug e fèin-riaghladh dhan roinn Pomerania (Pòlais: Pomorzanie), a bha mu thimcheall Szczecin,[10] gu h-àraidh taobh mhalairt is creideamhan. Chuir sin, agus adhbharan eaconamach, dragh orrasan taobh a-staigh an Naomh Iompaireachd Ròmanach. Anns an 12na linn bha am baile fo bhuaidh nan Danmhairgeach fad mu 40 bliadhna. [11]

Fhuair Szczecin, neo Stettin sa Ghearmailtis, a chuid chòirichean (Gearmailtis: Statsrechten) mar bhaile ann an 1243 bhon Rìgh Barnim I.[12] Dh’fhàsadh am baile na bu Ghearmailtiche mean air mhean agus chaidh e ainmeachadh prìomh-bhaile Diùcachd Phomerania ann an 1309[13]is e fo bhuaidh uachdaranachd Shlàbhach air an robh na Griffin.[14] Leasachadh Stettin gu luath taobh mhalairt eadar 1243 agus 1630 is fiù’s nochd clàs bhùirdeasach. Fhuair am baile ballrachd na Lìog Hansa is chruthaich e càirdeas sochairichte le Frankfurt-am-Oder. Chuir na Suainich, is 800 Gàidheil nam measg,[15] ruaig air na Griffin ann an 1631. Chaidh Stettin a chur ris an t-Suain gu h-oifigeil tro Chòrdadh Westphalien ann an 1648.[16] Le sin, chaidh a chuid cheanglaichean leis an Hansa a ghearradh, is bha am baile ann an droch staing eaconomach gus an tug A’ Phrùis ionnsaigh air na Suainich ann an 1713,[17] is thug iad thairis e. Dh’fhàg na Suainich am baile an ceann seachd bliadhna, fiù’s nach do dh’aidich iad a-riamh gun do chaill iad e. 'S e baile Pruiseanach bho 1720, is an uair sin Gearmailteach bho 1871, le muinntir Gearmailteach nan tàmh an seo gu ruige 1945. A bharrachd air sin, b' e prìomh-bhaile na Roinne Phomerania eadar 1815 agus 1945. Rugadh a’ bhana-phrionnsa Sophie Friederike Auguste von Anhalt-Zerbst-Dornburg, am biodh na Iompaire na Ruise, an seo ann an 1729.[18] Nuair a chùl-ghairm Riaghatas na Frainge Àithne Nantes ann an 1685,[19] thug ùghdarrasan na Prùise cuireadh dha na Pròstanaich Frangach (Fraingis: Huguenot) is ràinig na mìltean dhuibh, is iad a’ leasachadh a’ bhaile cuideachd. Le sin, dh’fhàs Stettin a bhith fear dhe na bailtean na bu bheairtiche is na bu chudromaiche air a’ Bhaltach co-dhiù. Ràinig mòran dhe dhaoine bho air feadh na Gearmailte is chuidich iad le fàs an eaconamaidh. Bha mu 76,000 a’ fuireach a seo ann an 1870 is mu 240,000 ann an 1920.[20] Chaill A’ Ghearmailt Stettin an dèidh an Dàrna Cogaidh, is chuireadh am baile ris A’ Phòlainn air an 5 an t-Iuchar 1945. Tha Szczecin, le ainm ùr ann am Pòlais, air a bhith am broinn Poblachd na Pòlainn bhon àm sin.[21]

 
Szczecin

Daoine Ainmeil

deasaich
  • Catrìona II na Ruise: (17291796) Banrìgh.
  • Hermann Günther Graßmann: (18091877) Matamataigear.
  • Franz San Galli: (18241908) a chruthaich a’ chiad radiator.
  • Carl Ludwig Schleich: (18591922) Sgrìobhadair.
  • Konstanty Ildefons Gałczyński: (19051953) Bàrd.

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Orbis Latinus oder der Verzeichniss lateinischen Benennugen, Dr J. G. Th. Graesse, Dresden, 1891.
  2. Mongabay
  3. IKZM
  4. Global Feed Distance Calculator
  5. World Gazetteer
  6. Stary Szczecin Republika
  7. Uniwersytet Szczeciński
  8. Spanghus Danmark
  9. UMBC
  10. Historia Gazeta
  11. Go Poland
  12. Nordsee Urlaub
  13. Stary Szczecin
  14. Spanghus Danmark
  15. Sacred Texts
  16. Yale Law School
  17. ПОЛТАВСЬКА БИТВА
  18. Go Poland
  19. Hérodote
  20. Nordsee Urlaub
  21. Polen Digital
  22. Comune di Bari
  23. Stadt Berlin
  24. Stadt Bremerhaven
  25. 大连
  26. Дніпропетровськ
  27. Esbjerh Kommune
  28. Hansestadt Greifswald
  29. 济南
  30. Kingston-upon-Hull
  31. Klaipeda
  32. Hansestadt Lübeck
  33. Malmö Stat
  34. Му́рманск
  35. Stadt Rostock
  36. City of St. Louis
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: