'S e naomh agus manach Ceilteach a bh' ann am Maol Rubha (Mo Rubha neo Ma Ruibhe sa Ghàidhlig; Máel Ruba neo Máelrubai sa Ghàidhlig na h-Èireann), uaireannan, thathar a' cleachdadh "Rufus" cuideachd. Bha e beò eadar 642722 AD is bha e à Èirinn bho thùs. Stèidhich e tuineachadh mhanach anns A' Chomraich, Siorrachd Rois.

Maol Rubha
Beatha
Breith Beannchar (Èirinn), 642
Bàs A' Chomraich, 722
Dreuchd
Dreuchd manach
Tèarmann
27 an Lùnastal

A bheatha deasaich

Rugadh e anns an sgìre Doire Chaluim Chille agus fhuair e foghlam ann am Bangor. Ann an 671, nuair a bha e deich air fhichead bliadhna a dh'aois, sheòl e bho Èirinn gu Alba còmhla ri buidheann manaich. Mus do shuidhich iad anns A' Chomraich ann an 673, bha iad air a bhith a' siubhal anns an Earra-Ghàidheal.

Manachainn anns A' Chomraich deasaich

Tha an t-ainm-àite, "A' Chomraich", a' ciallachadh "comraich" neo "tèarmann" ("sanctuary" sa Bheurla),[1] is b' àbhaist don sgìre talmhainn naomh timcheall na manachainn a bhith air a chomharrachadh le croisean.

Tha iomradh air Maol Rubha agus a thuras gu Alba anns an eachdraidh bhliadhnail co-aoiseach na h-Èireann. Bha manachainn na Chomraich na h-ionad culturail is cràbhach glè chudromach, is bha Maol Rubha na mhiseanaraidh: chaidh e dhan Eilean Sgitheanach, Eilean Leòdhais, Loch Sin, Diùranais is Farr, airson Crìosdaidheachd a bhrosnachadh.

Maol Rubha anns an litreachas deasaich

Tha Somhairle MacGill-Eain a' toirt iomradh air Maol Rubha anns an dàn "Sgreapadal": "Sgreapadal an crò ’s a’ bhuaile / le ballachan a deas ’s an iar ’s a tuath, / agus an ear an linne / a-null gu Comraich Ma Ruibhe."[2]

Iomraidhean deasaich

  1. Ainmean-Àite na h-Alba - A' ChomraichTeamplaid:Fix/category[dead link]
  2. Scottish Poetry Library - Sgreapadal

Ceanglaichean a-mach deasaich

GRD: Naomh Maolrubha