Seumas MacLeòid
B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann an Seumas MacLeòid (1880–1947, Beurla: James MacLeod).
Seumas MacLeòid | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Sgalpaigh na Hearadh, 1880 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1947 |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-bùtha, sgrìobhadair agus saighdear |
Rugadh agus thogadh e air Sgalpaigh na Hearadh. Sgrìobh e an nobhail Cailin Sgiathanach.
Beatha
deasaichRugadh MacLeòid ann an 1880. Chaidh e dhan sgoil ann an Sgalpaigh agus an uair sin dh'obair e mar bhuachaille air Tarasaigh. Nuair a dh'fhàg e na Hearadh chaidh e a Ghlaschu far an do dh'obair e ann am bùth. As dèidh grèis, dh'fhosgail e bùth dha fhèin. Chaidh e dhan airm aig àm a' Chiad Chogaidh agus thill e a Sgalpaigh as dèidh làimh. Phòs e Iona Chaimbeul às an Òban agus bha mac aca. B' e mac a pheathar am bàrd Norman MacCaig.[1]
Bhuannaich e an dàrna àite anns an farpais airson Crùn na Bàrdachd aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban ann an 1923.
Foillseachaidhean
deasaich- MacLeòid, Seumas (1923): Cailin Sgiathanach, no, Faodalach na h-Abaid. Glaschu: Alexander MacLaren & Sons.
- MacLeod, James (1928): A Highland waif: a story for a bottom dog (Beurla). Glaschu: Alexander MacLaren & Sons.