Seumas II Alba
(Air ath-sheòladh o Seumas II na h-Alba)
Coltach ri iomadach fear (agus tè) dhe na rìghrean Stiùbhartach, ghairmeadh rìgh dheth Seumas II na naoidhean (chaidh athair Seumas I a mhurt le uaislean), agus cha do dh'fhàg e ach naoidhean às a dhèidh.
Chaidh a mharbhadh, gun e ach 29 bliadhna a dh'aois, aig sèiste Caisteal Rosbruig (a bha an sealbh Shasainn aig an àm) ann an 1460, nuair a sprèidh fear dhe na gunnaichean-mòra, air an robh e cho measail, ri thaobh.[1] Chaidh fhàisnicheadh nach tuiteadh an caisteal ach do mharbh. Chithear fhathast craobh-chuilinn a' fàs, a chaidh a chur airson an dearbh àite a chomharrachadh; tha a' chraobh seo a-nis air fearann Caisteal Floors ann an Cealsach.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Scotland's History - James II, King of Scots”. BBC. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2018.
- ↑ “Floors Castle, Holly Tree”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2018.