Seumas I, Rìgh na h-Alba
Bha Alba na dùthaich an-riaghailteach nuair a bha Seumas glè òg, agus chuir athair, Raibeart III, a-null dhan Fhraing e gus am biodh e sàbhailte. Ach chaidh am bàta a ghlacadh leis na Sasannaich agus chaidh Seumas a chuir an grèim leotha. Bho nach robh e ann, chaidh Alba a riaghladh le tànaistearan. Cha deach a chur ma sgaoil gu 1420, nuair a phàigh na h-Albannaich an èirig a chaidh iarraidh orra.
Seumas I, Rìgh na h-Alba | |||
---|---|---|---|
4 dhen Ghiblean 1406 - 21 dhen Ghearran 1437 ← Raibeart III, Rìgh Alba - Seumas II na h-Alba → | |||
Beatha | |||
Breith | Lùchairt Dhùn Phàrlain, 25 dhen Iuchar 1394 | ||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||
Bàs | Eaglais nam Manach Dubha, Peairt, 21 dhen Ghearran 1437 | ||
Àite-adhlacaidh | Taigh nan Cairt, Peairt | ||
Nàdar a’ bhàis | murt duine (stab wound (en) ) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Raibeart III, Rìgh Alba | ||
Màthair | Anabella Drummond | ||
Cèile | Joan Beaufort (mul) | ||
Clann | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Fine | Taigh nan Stiùbhartach | ||
Foghlam | |||
Cànain |
Middle Scots (en) Meadhan-Bheurla Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | bàrd, sgrìobhadair agus uas-fhlath | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Crìosdaidheachd |
Na phrìosanach, fhuair e sgoil math ann an cùirt Shasainn, agus thuit e ann an gaoil ri Joan Beaufort, co-ogha Rìgh Eanraig VI Shasainn. Phòs iad mus do thill e a dh'Alba. Rè ùine, bhiodh ochdnar cloinne aca.
Cho luath agus a thill e dh'Alba, ann an 1424, thug e os làimh dòighean-riaghlaidh ùra, a bhiodh a' daingneachadh cumhachd an rìgh agus a chuid mhinistearan. Bha e mar amas aige a dhùthaich air fad a chumail fo riaghladh laghan, agus dh'ath-nuadhaich e Pàrlamaid na h-Alba a rèir eisimpleir Pàrlamaid Shasainn. Ged-tà cha robh leisg air làmhachas-làidir a chur gu feum, agus dh'fhàs cuid dhe na h-uaislean diombach dheth nuair a dh'fhiosraich iad crìonadh an cuid cumhachd.
Chaidh a mhurt le feadhainn dhe na Greumaich ann am manachainn Pheairt air an 21mh latha dhen a' Ghearran, 1437, ged a shabaid e gu treun ri a chuid nàimhdean.[1]
Uair eile, mar a bha bitheanta ri linn nan Stiùbhartaich, dh'fhàgadh Alba fo stiùir oighre òg, Seumas II, nach robh ach na naoidhean fhathast.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Rìghrean, banrighrean agus uaislean”. Eachdraidh na h-Alba. e-storas. Air a thogail 10mh dhen Dùbhlachd 2018.