'S e beinn ann am Frìth Inbhir Làthail air a' Ghàidhealtachd a th’ ann an Seana Bhràigh. Tha e 926m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte mu 12 km san ear den rathad A835 agus mu 13km san ear-dheas air Ulapul, san iar-thuath air Eididh nan Clach Geala agus Beinn Dearg.

Seana Bhràigh

Seana Bhràigh
Àirde (m) 926
Àirde (tr) 3,038
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Seana Bhràigh is located in Alba
Seana Bhràigh
Seana Bhràigh (Alba)
Suidheachadh Frìth Inbhir Làthail
Mapa cumadh-tìre Landranger 20
Comharradh-clèithe NH28168786

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho cheann a deas Loch Bhraoin agus cha bhithear ga cheangal le beinn eile, leis gu bheil e ann an suidheachadh cho iomallach gun toir e ùine fhada faighinn ann[1].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Beinn Dearg agus a nàbaidhean, An Teallach, beanntan Frìth Fanaich, Asaint agus Beinn Uais.


Iomraidhean

deasaich
  1. Seana Bhràigh air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich