Beinn Uais
'S e beinn ann an Ros an Ear a tha ann am Beinn Uais, no Beinn Stac (Beurla: Ben Wyvis). Tha i suidhichte mu 10km san iath-thuath air Inbhir Pheofharain agus faisg air Gairbh agus an A835 a dh'Ulapul. Tha i 1,046 m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha druim fada rèidh aice le 5 mullaichean uile gu lèir.
Beinn Uais | |
---|---|
Àirde (m) | 1046 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Ros an Ear |
Comharradh-clèithe | NH463684 |
Mar as trice bithear a' tòiseachadh aig raon-chàraichean mòr Coimisean na Coilltearachd agus a' dìreadh Glas Leathad Mòr.[1]