Satu Mare
Szatmárnémeti
Sathmar
סאטמאר
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Satu Mare
Co-chomharran 47° 47 24' Tuath
22° 53 24' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 150.3 km²
Àireamh-shluaigh 102,441 (2011)
Dlùths 681.58/km²
Àireamh fòn +40 02 61
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Nyíregyháza agus Baia Mare, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Satu Mare (IPA: ˈsatu ˈmare, Ungairis: Szatmárnémeti, IPA: sɒtmaːrneːmɛti, Gearmailtis: Sathmar, Iùdais: סאטמאר). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Someș, aig 127m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Satu Mare. Tha 102,441 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh

deasaich

'S ann à ainm tighearna-cogaidh air an robh Zotmar ann an Ungairis s' a tha ainm a' bhaile.[2] Cha do nochd an t-ainm ann an Romàinis Satu Mare (Gàidhlig: Clachan Mòr) ach anns an 19mh Linn: chanadh Sătmar ann an Romàinis gu ruige sin. Chaidh am baile a chlàradh ann an 972 mar Villa Zotmar agus an uair sin mar Castrum Zotmar ann an 1230 san leabhar Gesta Hungarorum. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd làidir Iùdhaich air a stèidheachadh an seo anns an 18mh Linn. Thug feachdan an deachdaire Ion Antonescu agus na Gearmailt Nàsaich fìor dhroch sgrios agus milleadh orra tron Uile-losgadh: Chruthaich iad Ghetto Iùdhach sa bhaile agus rinneadh murt air 14,440 dhuibh ann an Auschwitz ann an 1944.[3]

Daoine ainmeil

deasaich

Bailtean co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  3. Tuvia Friling; Radu Ioanid; Mihail E. Ionescu, (2004). International Commission on the Holocaust in Romania, Final Report, International Commission on the Holocaust in Romania; president of the commission: Elie Wiesel. ISBN 973-681-989-2.