Baia Mare
Nagybánya
Groß-Neustadt/Frauenbach
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Maramureş
Co-chomharran 47° 39 35' Tuath
23° 34 55' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 233.47 km²
Àireamh-shluaigh 123,738 (2011)
Dlùths 530/km²
Àireamh fòn +40 02 62
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Satu Mare agus Bistrița, ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann am Baia Mare (IPA: ˈˈbaja ˈmare, Ungairis: Nagybánya, Gearmailtis: Groß-Neustadt/Frauenbach). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Săsar, aig 228m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Maramureş. Tha 123,738 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh deasaich

'S ann às na facal airson mòr ann an Ungairis agus Romàinis (nagy/mare) agus bánya (mèinn) ann an Ungairis 's a tha ainm a' bhaile. Chaidh Baia Mare a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1329 mar Rivulus Dominarum. Buinneadh e dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1554 gu ruige 1660.[2] Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1920 nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd Iùdhach a' bhaile uabhasach fhèin làidir ron Dàrna Chogadh. Stèidhich Simon Hollósy Colonaidh Luchd-ealain Baia Mare (Ungairis: Nagybányai művésztelep) an seo ann an 1896, a mhair gu ruige 1937. Chruthaich A' Ghearmailt Nàsach Ghetto Iùdhach ann am Baia Mare mar phàirt an Uile-losgaidh. Rinn na Nàsaich murt air 5,916 dhuibh anns na campaichean-losgaidh.[3] Chan eil ach 82 Iùdhaich air fhàgail ann am Baia Mare an latha an-diugh.

Daoine ainmeil deasaich

Bailtean co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Institutul Național de Statistică
  2. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.
  3. Yad Vashem