Sabaneta
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1550m
Co-chomharran 6° 09' Tuath
75° 35' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 15 km²
Àireamh-shluaigh 44,480 (2005)
Dlùths 2,965.33/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Shabaneta

'S e baile-mòr ann an Antioquia,[1] Coloimbia, a tha ann an Sabaneta. Tha e suidhichte anns a' Ghleann Aburrá, dìreach ri taobh Medellín. Le 15 km² 's e am baile leis an fharsaingeachd nas lugha na dùthcha a th' ann. Tha na far-ainmean Baile Modal Coloimbia agus Gleann Beag Snog a th' air. Tha an t-ainm Sabaneta a' ciallachadh "còmhnard beag" ann an Spàinntis. Mar is àbhaist bidh iomadh dhaoine a' cèilidh airsan gach deireadh-seachdain, leis cho pailt a tha àiteachan airson fealla-dhà. 'S e Sabaneta an 100 baile as motha na dùthcha.[2]

Freumhan an Ainm

deasaich

'S ann às an fhacal Carib Sabana (faiche)[3] a th'ann an t-ainm Sabaneta. 'S e meanbhair a th' ann -eta,[4] dìreach mar -ag anns a' Ghàidhlig. Le sin, tha an t-ainm a' ciallachadh faiche beag.[5]

Eachdraidh

deasaich

‘S e Tùsanaich Anaconas a bha nan tàmh ann an Sabaneta bho thùs (thàinig iad bhon thaobh thall na h-Aibhne), is thog iad tuineachadh ris an taobh an ear na h-aibhne. Thog iad orra bhon a’ bheinn Cerro de Pan de Azúcar. Thàinig teaghlaichean le freumhan Spàinnteach dhan sgìre ann an 1750. ‘S e teaghlaichean Montoya, Restrepo, Vélez, Díaz, Díez, Vásquez, Guzmán, Garcés, Baena, Salazar, Mejía, Mesas, Álvarez agus Soto a th' ann an darna bhuidheann dhe in-imrich dhan sgìre, is na sloinnidh sin uabhasach cumanta an seo gus an latha an-diugh.

Innsidh na seann leabhraichean mu dheidhinn Envigado dhuinn gun do deach am baile Sabaneta a stèidheachadh 27mh an Lùnastal 1896 leis an t-Urramach Jesús María Mejía, a bha na shagart a’ pharraiste ann an Envigado fhèin. ‘S e ceann-latha fa leth cudromach airson eachdraidh na sgìre, gun teagamh, leis gun do chuir iad a’ chiad chloiche airson an eaglais ionadail a thogail. Ged a tha e gu math soilleir gur e Maighstir Jesús a bhrosnaich adhartas na sgìre, bha e a’ dol mus do ràinig esan, oir bha sgoil nam balach anns an àite ann an 1858 ma-thà: tha sin a’ ciallachadh nan robh baile ann, gu robh uiread dhe taighean ann an àite beag anns a’ char as lugha. Cha do thoisich Maighstir Jesús an sagartachd aige ann an Envigado ach ann an 1880 agus bho 1879 bha dà sgoile ann ma-thà, tè airson na balaich, teile airson na nigheanan, leis an sgoil sin fo stiùireadh Adelaida Correa.

Fhuair an clachan a’ chiad rang mar bhaile aig toiseach a’ bhliadhna 1899, tro èigheachd a’ Chomhairle ann an Envigado. Bha an t-aonta sin a dh’atharrachadh ann an 1903 agus a-rithist ann an 1911, leis gum biodh loidhne an trèana gu Amagá a dhol tron a’ bhaile. Bha atharraichean eile a rinneadh cuideachd ann an 1963.

Cruinn-eòlas

deasaich

Tha Sabaneta suidhichte ann an ceann a deas a’ Ghlinne Aburrá, am broinn a’ Cheàrna Cathaireil Mhedellín, a tha a’ fàs nas motha, agus chan eil e ach 14 cileameatair a-mach às a’ Bhaile Medellín. Tha farsaingeachd dhe 15 km² aige, is 67% dhuibh anns a’ bhaile fhèin.

Tha fearann a’ bhaile a’ dol bho fhaichean còmhnard rèidh gu ruige àiteachan le beanntan àrda. 'S e Piedras Blancas (2,650m) ann an La Romera, an Cuchilla Santa Teresa (2,200m), an cnoc Los Gallinazos ann am Pan de Azúcar (1,800 msnm), agus na cnuic Cerro Morrón, La Siberia agus El Ancón na h-àirdean as motha.

‘S e an abhainn Mhedellín an tè as motha na sgìre, is i crìoch a’ bhaile còmhla ri Itagüí. 'S e an t-Allt La Doctora prìomh leas-abhainn a’ bhaile a bharrachd air na h-uillt Buenavista, La Escuela, El Gusano, El Canalón, La Honda, La Sabanetica agus Cien Pesos, is i an crìoch còmhla ri Envigado.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 44,480 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 9,238 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Sabaneta, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 1.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 94.5% dhe na daoine ann an Sabaneta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 95% dhe na dachannan.[8]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Sabaneta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Foghlam

deasaich

Tha ceithir oilthighean ann an Sabaneta:

  • Oilthigh San Martín
  • Bòrd Oilthigh Ceipa
  • Companaidh Oilthigh Sabaneta J. Emilio Valderrama, Unisabaneta JEV
  • Oilthigh CES.

Daoine Ainmeil

deasaich

José Félix de Restrepo (1760 - 1832). Ollamh, breitheamh, ball pàrlamaid.

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Bailtean as motha na dùthcha
  3. Real Academia de la Lengua
  4. Spanish About.com
  5. Leabharlann Luis Angel Arango
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Colombia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: