An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mairead Fay Sheathach"

Content deleted Content added
Tòiseachadh: Mairead Fay Shaw
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 19:00, 1 dhen Lùnastal 2020

B' e Mairead Fay Shaw neach-clàraidh na beul-aithis Gàidhlig agus dealbhair-camara.

Rugadh i ann an Pennsylvania, Na Stàitean Aonaichte, agus ghluais i gu Alba nuair a bha i 11 bliadhna a dh' aois.

Is ann aig an sgoil ann am Baile Eilidh a thòisich ùidh ann an cànan agus cultar nan Gaidheal, nuair a chuala i Marsaili NicUalraig Fhriseal a' gabhail òrain Gàidhlig.

Anns na 1920an, bha i a' fuireach ann an Loch Baghasdail, Uibhist a Deas, far an do rinn i càirdeas ris na peathraichean, Màiri agus Peigi NicRath. Chruinnich i mòran sgeulachdan agus òrain bhuapa, agus mu deireadh chaidh seo a chlo-bhualadh ann an Folksongs and Folklore of South Uist.

Cuideachd, ghabh i mòran dealbhan-camara air feadh Uibhist a Deas, gu h-àraid air obair nam boireanneach. Thàinig Iain Latharna Caimbeul gu Uibhist airson cuideachachd le leabhar a bha e a' sgrìobhadh, is mu dheireadh, phòs iad.

Às dèidh dhaibh pòsadh, ghluais iad gu Barraigh, far an do dh' fhuireach iad gus an do cheannaich iad Eilean Chanaigh ann an 1938.

Shiubhal i anns a' Ghearasdan ann an 2004. Bha i 101 bliadhna a dh' aois.