Ruaraidh Arascain is Mhàirr
B' e neach-poileataigs, sgrìobhadair, neach-iomairt, agus fear-deasachaidh Albannach a bh' ann an Ruaraidh Arascain is Mhàirr (15 Am Faoilleach 1869, Brighton, Sasainn - 5 Am Faoilleach 1960).
Gnè | fireann |
---|---|
Saoranach de | Rìoghachd Aonaichte, Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann |
Sloinneadh | Erskine |
Là-breithe | 15 dhen Fhaoilleach 1869 |
Àite-breithe | Brighton |
Là bàis | 5 dhen Fhaoilleach 1960 |
Athair | William Erskine |
Màthair | Caroline Alice Martha Grimble |
Companach | Muriel Lillas Colquhoun Graham, Maria Guadalupe Zaara Cecilia Heaven |
Clann | Alison Colquhoun Erskine |
Cànain a bhruidhneas no sgrìobhas | Gàidhlig, Beurla |
Dreuchd | neach-iomairt poileataigeach, sgrìobhadair, neach-poileataigs, neach-naidheachd |
Field of work | Gàidhlig, Iomairteachd |
Ro-leasachadh urraim | The Honourable |
Àite-obrach | Alba |
Ideòlas poilitigeach | Na Seumasaich |
Rugadh Ruaraidh Arascain is Mhàirr ann am Brighton mar "Stuart Richard Erskine". Bha athair, William Macnaghten Erskine, anns an arm. Nuair a bha e na bhalach, bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann. B' i Beurla a' chiad chànan a bha aige, ach dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig bho nanny às na Hearadh.[1]
Bha ùidh mhòr aige ann an Èireann, gu h-àraid a thaobh poileataigs agus ath-bheòthachadh Gàidhlig na h-Èireann agus cultair dùthchasach na h-Èireann. Bha e eòlach air Pádraig Mac Piarais.
Bha Ruaraidh Arascain is Mhàirr gu mòr airson neo-eisimeileachd na h-Alba agus bha e a' feuchainn ri Gàidhlig na h-Alba a bhrosnachadh - air an adhbhar sin, chuir e air dòigh còig irisean thar nam bliadhnaichean: Am Bàrd, Alba, Guth na Bliadhna, An Sgeulaiche, agus An Ròsarnach.
Bha e fhèin a' sgrìobhaidh aistean, sgeulachdan-ghoirid, dealbhan-chluich, agus leabhraichean eachdraidh.
Irisean a dheasaich Ruaraidh Arascain
deasaich- Am Bàrd
- Alba
- Guth na Bliadhna
- An Ròsarnach
- An Sgeulaiche
Iomraidhean
deasaich- ↑ Thomson, Derick (23mh dhen t-Sultain 2004): “Erskine, Stuart Richard [known as Ruaraidh Erskine of Mar]” (Beurla). Oxford Dictionary of National Biography. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2018.
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- erskine.glasgow.ac.uk – làrach-lìn aig Oilthigh Ghlaschu ag rannsachadh nan irisean Gàidhlig a stèidhich Ruaraidh Arascain is Mhàirr
- "Erskine, Stuart Richard [known as Ruaraidh Erskine of Mar]," Oxford Dictionary of National Biography (Beurla)
- "Connections across the North Channel: Ruaraidh Erskine and Irish Influence in Scottish Discontent, 1906-1920," The Irish Story (Beurla)
- "Snake Women and Hideous Sensations: The Strange Case of Gaelic Detective Short Stories by Ruaraidh Erskine of Mar," Scottish Literary Review (Beurla)
- "A Fitting Offering to the Gaelic Thalia or Melpomene”: Ruaraidh Erskine of Mar and Drama in Scottish Gaelic," Litteraria Pragensia (Beurla)
- "Neo-Jacobites, Decadents and Fin de Siècle Nationalism," The History of Scottish Cosmopolitanism at the Fin de Siècle (Beurla)
- Gerard Cairns, No Language! No Nation! The Life and Times of the Honourable Ruaraidh Erskine of Marr (Peairt: Rymour, 2021) (Beurla)