Barcelona
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Barcelona
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7,728 km²
Àireamh-shluaigh 5,529,099 (2014)
Dlùths 715.46/km²
Àireamh fòn + (93)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann am Barcelona (IPA: bəɾsəˈɫonə). Tha e na laighe ann an Catalòinia, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Barcelona a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B'e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Girona fad 7,728km²[3] agus tha 5,529,099 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 40mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an dàrna tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Girona, Lleida agus Tarragona.[5] 'S e Catalanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann às an ainm   (Barkeno) ann an Ibearais no Foìnis a th' ann.[6] Bha baile fo bhuaidh nan Ròmanach an seo air an robh Colonia Faventia Julia Augusta Pia Barcino ann an Laideann (Βαρκινών ann an Greugais). Bha teòiridh eile ann a chanadh gur robh an t-ainm ceangailte ri Hamilcar Barca, athair Hannibal, ach chan eile mòran dhaoine a' gabhail ri seo an latha an-diugh.[7] Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm mar a leanas: Barcilonum → Barceno → Barchelona → Barçalona → Barcelona. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas

deasaich

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Bharcelona, air an àirde an iar-dheas na roinne a-muigh Lleida. 'S e Valielles de Busa an t-ainm a tha air.[8] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth.

Bailtean

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. Emerita: Revista de Lingüística y Filología clasica 11, 194
  7. Historia breve de Barcelona, Agustí D., Sílex Ediciones, 2008
  8. ABC