Co-chomharran: 52°55′04″N 4°05′35″W / 52.91778°N 4.09293°W / 52.91778; -4.09293

Portmeirion
Suidheachadh
Dùthaich a' Chuimrigh
Sgìre Penrhyndeudraeth
Co-chomharran 52° 55′ 4.01″ T
4° 5′ 34.55″ I
Comharradh-clèithe SH593376
Feartan fiosaigeach
Duilleag oifigeil Portmeirion-village

Tha am baile Portmeirion suidhichte ann an Gwynedd ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Chaidh am baile a dhealbhadh is a thogail eadar 1925 is 1975 le Sir Clough Williams-Ellis. Tha e dealbhaichte ann an stoidhle Eadailteach agus 's e aon de na àitichean as cudromaiche a th' ann airson roinn turasachd na Cuimrigh. Tha e aig urras carthannach a-nis.

Location
Location
Portmeirion
Suidheachadh Portmeirion anns a' Chuimrigh

Tha am baile suidhichte anns an sgìreachd Penrhyndeudraeth, aig inbhir Abhainn Dwyryd, mu 2 mìle (3.2 km) san ear-dheas air Porthmadog agus mu mhìle (1.6 km) air falbh bho stèisean ann am Minffordd.

Chaidh mòran fhiolmaichean is prògraman Tbh a thogail ann am Portmeirion agus dh'fhàs e ainmeil mar "The Village" anns na 1960an air a' phrògram Tbh "The Prisoner".

Eachdraidh

deasaich

Bho thùs bha oighreachd prìobhaideach ann ris an chanadh "Aber Iâ". Bha an làrach air an leudachadh nuair a chaidh ionad-leaghaidh is bàta-lann a thogail anns na 1850an. Cheannaich Sir Clough Williams-Ellis am fearann seo ann an 1925 airson nas lugha na 5.000 not. Dh'atharraich e ainm an àite gu Portmeirion: "Port-" air sgàth 's gu bheil e faisg air a' chosta; agus "-meirion" bhon sgìreachd Merioneth (Cuimris: Meirionydd) far a bheil am baile suidhichte.[1]

 
"Amis Réunis" - Bàta cloiche

Cha robh ach togalach mòr ann agus taigh a' ghàirnealair, taigh a' ghobhainn is stàballan. Aig an toiseach leasaich e na taighean dùthchail mar taighean-còmhnaidh agus chuir e ainmean ùra orra: "White Horses", "Mermaid" is "The Salutation". Chaidh prìomh togalach na h-àite ag atharrachadh gu taigh-òsta; dh'fhosgail e ann an 1926. Eadar 1926 is 1939 chaidh barrachd togalaichean ùra a thogail leithid Angel & Neptune, an tùr Campanile air a' chnoc as àirde; Prior's Lodging, Hercules Hall, Pilot House is eile. Chleachd e seann phìosan bho thogalaichean a chaidh a leagail ann an àitichean eile. Mar eisimpleir thàinig an Hercules Hall à Sir y Fflint agus am Pantheon à Sir Gaerfyrddin. Ghabh e rudan bho ailtirean eile a-steach cuideachd. Air an tràigh air beulaibh an taigh-òsta chaidh bàta "Amis Réunis" a thogail, bàta a bha air a sgrios ann an stoirm ann am Portmeirion. Ged a tha an "Amis Réunis" a dhèanamh à clachan tha coltas mar fhìor bhàta aige ma choimheadar air bho astair rud beag air falbh. Chuir an Dàrna Cogadh is laghannan ùra a thaobh sàbhailteachd togalaichean stad air leasachaidhean eile airson greis, ach eadar 1954 is 1973 thog Williams-Ellis togalaichean eile a-rithist, mar eisimpleir: Telford's Tower, Bristol Colonnade, High Cloister, an dòm Pantheon neo Gloriette Balkon.

 
Castell Deudraeth

Tha tobhtaichean seann chaisteal às na Meadhan aoisean ann an coille dìreach taobh a-muigh a' bhaile. Thug Giraldus Cambrensis (Gerald of Wales) iomradh air ann an 1188. Tro na linntean bha iomadh ainm air a' chaisteal, mar Castell Deudraeth, Castell Gwain Goch is Castell Aber Iâ.

Ann an 1931 cheannaich Williams-Ellis Castell Deudraeth bho Sir Osmund Williams le sùil ri ceangal a chur do na taighean-òsta ann am Portmeirion. Ach chuir an Dàrna Cogadh stad air na planaichean aige. Ged a bha daonnan miann aig Williams-Ellis sin a choileanadh cha do thachair sin nuair a bha e beò. Ach le taic bho Mhaoin-Dualchais a' Chrannchuir, Maoin Leasachaidh nan Roinnean Eòrpach agus Bòrd Turasachd na Cuimrigh chaidh an caisteal fhosgladh mar taigh-òsta san 11 an Lùnasdal 2001. An-diugh tha taigh-bidhe is 11 seòmraichean cadail ann.

An-diugh tha Portmeirion aig urras carthannach a bhios a' cleachdadh a' chuid as motha den na togalaichean mar sheòmraichean taigh-òsta no taighean fèin-fhrithealaidh. Tha bùthan ann, cafaidh, taigh-bìdh is seòmar-teatha cuideachd. 'S e Portmeirion aon de na h-àitichean as tarraingiche don luchd-turais ann an ceann a thuath na Cuimrigh. Tha e saor an asgaidh airson luchd-turais a bhios a' fuireach ann fhad na saor-làithean aca, ach feumaidh luchd-turais a bhios dìreach ann airson latha pàigheadh airson faighinn a-steach don bhaile is coimhead air na togalaichean.

Beachdan mun Ailtireachd

deasaich

Bha Sir Clough Williams-Ellis, a rinn an dealbhachadh ann am Portmeirion, airson sealltainn gun gabh àite àlainn leasachadh gu seasmhach gun a bhith ga mhilleadh agus mar sin a' cur ri bòidheachd nàdair aig an aon àm. Bha e ag iarraidh baile a chruthachadh aig a bheil coltas is faireachdainn meadhan-thìreach. Dhiùlt e beachdan bho dhaoine eile, gun robh am baile seo a dh'aon rùn mar Portofino anns an Eadailt. Ach tha e ag aideachadh gun robh gaol aige air a' bhaile Eadailteach:

"How should I not have fallen for Portofino? Indeed its image remained with me as an almost perfect example of the man-made adornment and use of an exquisite site."[2]

Sgrìobh Lewis Mumford caibideil mu Phortmeiron anns an leabhar aige "The Highway and the City" . Bha esan dhen bheachd gu bheil

...[Williams-Ellis] is equally at home in the ancient, traditional world of the stark Welsh countryside and the once brave new world of "modern architecture." ... In a sense, Portmeiron is a gay, deliberately irresponsible reaction against the dull sterilities of so much that passes as modern architecture today.[3]

Liosta nan togalaichean

deasaich
Bliadhna Togalach
19mh linn Togalaichean bho thùs: Castell Deudraeth; am prìomh togalach; White Horses (taigh a' ghobhainn); Taigh a' ghàirnealair, stàballan
1925 Chaidh cuid togalaichean a leasachadh: am prìomh togalach mar thaigh-òsta, taigh a' ghàirnealair mar Mermaid; stàballan mar Salutation
1925/26 Angel & Neptune
1926 Watch House; dh'fhosgail an taigh-òsta
1927/28 Campanile(tùr); Prior's Lodging
1928/29 Government House
1929 taigh-càine
1930 "Amis Réunis" - Bàta cloiche
1930an Hercules Hall; Pilot House; Battery Cottage, Dolphin; Fountain; Anchor, Trinity
1933/34 Chantry
1937/38 Camera Obscura
1954 Lighthouse
1954/55 Gate House
1956/57 Telford's Tower
1958 Bristol Colonnade; High Cloister
1958/59 Round House, Bridge House
1959 Pantheon (dòm)
1960 Belvedere
1961/62 Chantry Row
1962 Playhouse
1963 Triumphal Arch; Gothic Pavilion
1963/64 Arches
1964 Gloriette Balkon
1964/65 Unicorn
1966 Villa Winch; Central Piazza
1968/70 Cliff House
1977 taigh-càine ùr
1978 Terrace (taigh-bìdh)
1981 Chaidh an taigh-òsta is an taigh-bìdh air sgrios gu tur le teine
1983 Centenary Gazebo; chaidh ionad-fiosrachaidh Prisoner fhosgladh anns an Round House
1988 Chaidh an taigh-òsta fhosgladh a-rithist an dèidh ath-thogail
1998 Tudor Room, togalach gus an Hercules Hall a leudachadh
1999 Chaidh ionad-fiosrachaidh "Prisoner" a dhùnadh; taigh-càine eile mu choinneamh an fhir eile;

chaidh Castell Deudraeth fhosgladh mar taigh-òsta

2001 Fo stiùireadh taigh-òsta Portmeirion chaidh bùth "Prisoner" ùr fhosgladh anns an Round House
2007 Caffi Glas (an cafaidh gorm), taigh-bìdh Eadailteach

Iomraidhean

deasaich
  1. "Portmeirion" a BBC Wales documentary, 2006
  2. Headley, Gwyn and Meulenkamp, Wim. Follies: a National Trust Guide Cape, 1986. td.156
  3. Lewis Mumford: The Highway and the City Harcourt 1963 ISBN 0156402165

Leabhraichean

deasaich
  • Jan Morris: Portmeirion. Antique Collectors’ Club, 2006, ISBN 1851495223. (Beurla)
  • Jonah Jones: Clough Williams-Ellis: The Architect of Portmeirion: A Memoir. Seren Books/Poetry Wales Pr Ltd, 1997, ISBN 1854111663. (Beurla)
  • Robin Llywelyn: Llawlyfr Portmeirion. Portmeirion Guidebook, Porthmadog 2000
  • Sir Clough Williams-Ellis: The Place And Its Meaning, Lunnainn 1963, ath-fhoillsichte 2006

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: